Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

21 An Cèitean 2018 Ùraichte aig Ùraichte aig

Grenfell

'S iad feadhainn a chaill càirdean ann an teine Tùr Ghrenfell a gheibh a' chiad chothrom air fiosrachadh a thoirt dhan rannsachadh poblach a tha tha a' tòiseachadh an-diugh. Chaill 71 duine am beatha san teine san Òg-mhìos an-uiridh. Tha duil gum mair a' chiad phàirt seo den rannsachadh mu chola-deug.

Airgead Ruiseanach

Tha Comataidh nan Cùisean Cèin ann an Westminster a' fàgail air an Riaghaltas nach eil iad a' dèanamh gu leòr 'son stad a chuir air airgead Ruiseanach a tha a' tighinn a-staigh a Bhreatainn. Tha a' chomataidh ag ràdh gu bheil an t-airgead coirbte, a' dol tro shiostam an ionmhais ann an Lunnainn, agus ga chleachdadh 'son cron a dhèanamh air deomaocrasaidh ann an dùthchannan an taobh shiar.

Aiseagan

Thug comhairlichean Uibhisteach plana ùr do Chaledonian Mac a' Bhriuthainn an-diugh 'son leasachadh air na seirbhisean aiseig. Cha chanadh iad dè na molaidhean ùra a tha aca 'son seirbisean nas fheàrr an dèidh do ChalMac plana eile a dhiùltadh air an deireadh-sheachdainn.

Tesco & Comhairle na Gàidhealtachd

Tha fear de bhuill na Gàidhealtachd 's nan Eilean ann am Pàrlamaid na h-Alba a' fàgail air Comhairle na Gàidealtachd gu bheil "cultar de dhìomhaireachd" ann mun airgead a tha iad a' faighinn bho leasachadh prìobhaideach. Tha am ball Uaineach, John Finnie, ag ràdh gu bheil fiosrachadh a thàinig am follais an dèidh àimhreit laghail eadar Comhairle na Gàidhealtachd agus Tesco mu sheach-rathad an iar Inbhir Nis a' dearbhadh gum feum barrachd soilleireachd a bhith ann.

Comhairle na Gàidhealtachd

Bidh na h-uidhir de dh'atharrachadh air structar-stiùridh Chomhairle na Gàidhealtachd a dh'aitghearr agus àrd-oifigear an ùghdarrais, Steve Barron, a' leigeil dheth a dhreuchd as t-fhoghair. Leig stiùiriche an fhoghlam, Bill Alexander, fhaicinn ron a seo gu bheil esan e fhèin a' fàgail a dhreuchd a dh'aithghearr.

Drogaichean

Tha fear de phrìomh eòlaichean dhrogaichean na h-Alba ag ràdh gu bheil ceumannan radigeach a dhìth 'son dèiligeadh ri èiginn a thuirt e a tha a' sìor fhàs nas miosa. Tha an Dotair Roy Robasdan ag ràdh gum feum an riaghaltas cuid den na drogaichean a dhèanamh laghail agus barrachd taic a thoirt dhan fheadhainn a tha gan cleachdadh. Thuirt Riaghaltas na h-Alba gum bi iad a' deasbad na cùise a dh'aithghearr ri Riaghaltas Westminster aig a bheil smachd air poileasaidh 'son drogaichean.