Ionnsaigh Mhanchester ga cuimhneachadh

Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
Annag Nic IllEathain a' bruidhinn air Aithris na Maidne

Tha bliadhna ann Dimàirt bhon ionnsaigh air Arena Mhanchester anns an do chaill 22 duine am beatha.

Nam measg bha Eilidh Nicleòid, 14, à Barraigh.

Chaidh na ceudan eile a leòn san spreadhadh. Nam measg, bha caraid Eilidh, Laura Nic an t-Saoir.

Bidh seirbheis ann am Manchester an-diugh a' comharrachadh bliadhna bho thachair an ionnsaigh,

Tha pàrantan Eilidh NicLeòid am-measg an fheadhainn ris a bheil dùil aig an t-seirbheis ann an Cathair-eaglais Mhanchester.

'Briseadh cridhe'

Bha Annag NicIlleathain na ceannard air Sgoil Bhàgh a' Chaisteil aig àm na h-ionnsaigh.

''Cha robh fios againn dè bha tachairt. Cha robh fios aig duine dè bha a' tachairt.

''Dh' fheumar feuchainn ris an sgoil a' chumail a' dol.

''Bha deagh thaic againn. Bha an sgoil air a roinn ann an dà leth. Bha an iar cheannard a ruith a h-uile rud a bha a dol bho là gu là. Bha mi fhèin agus buidheann sa choimhearsnachd a' dèiligeadh ris na bha tachairt mu thimcheall Eilidh.

Image caption Chaidh Eilidh NicLeòid à Barraigh a mharbhadh san ionnsaigh cheannairc ann am Manchester

''Cha robh e furasta thuigsinn. Gum biodh tu air eilean beag, breagha Bharraigh agus an leithid de rud a' tighinn chun an doras agad. Ach, tha an saoghal a' fàs beag,'' thuirt i.

Bha Laura Nic an t-Saoir, à Barraigh, am-measg na chaidh a leòn san spreadhadh. Thill Laura dhan eilean trì mìosan às dèidh na h-ionnsaigh.

Bha Laura air a bhith a' faighinn leigheis an toiseach ann am Manchester.

Ach, chaidh a gluasad gu ospadal ann an Glaschu san Iuchar, mus do thill i dhachaigh.

Thuirt Annag NicIlleathain gun d' thàinig Laura air ais beag air bheag.

''Bha e duilich agus bha e duilich dhan h-uile duine.

''Gu seach h-àraid tha mi a' creidsinn do Laura 's dha a teaghlach.

''Ach, bha e duilich cuideachd dhan teaghlach aig Eilidh, Laura fhaicinn a' tighinn. 'S e bristeadh cridhe eile a bhiodh ann dhaibhsan,'' thuirt i.

Bidh mionaid de shàmhchair ann aig 14:30.

Aig 22:31 cluinnear clagan air feadh Mhanchester gus àm na h-ionnsaigh a chomharrachadh.