RBS ga chàineadh
- Published
Tha ball-pàrlamaid nan Eilean Siar, Aonghas Brianan MacNèill, a' càineadh RBS airson bhana a chur a Bharraigh, nuair a tha an t-aiseag chun eilein a' fàs nas trainge.
Bha meur Bhàgh a' Chaisteil am-measg an fheadhainn a bh' ann an cunnart dùnadh, agus air an tèid measadh a dhèanamh aig deireadh na bliadhna seo.
Tha Mgr MacNèill, a tha a' cur gu làidir an aghaidh dùnadh a' bhanca, ag ràdh nach eil adbhar aig RBS bhana a chur air an aiseag a Bharraigh, agus gur ann a dh'fhaodadh sin bacadh a chur air daoine eile a dh'iarradh siubhal.
Thuirt e gun tog e a' chùis le Rùnaire Roinn an Ionmhais, Iain Glen, nuair a thadhalas esan air Barraigh anns an Lùnastal.
Ann am brath-naidheachd thuirt RBS gum biodh am bhana a' dol a Bharraigh trì tursan san t-seachdain airson luchd-cleachdaidh a' bhanca a fhrithealadh.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Published
- 7 An Cèitean 2018
- Published
- 17 An Giblean 2018