Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

22 An Cèitean 2018 Ùraichte aig Ùraichte aig

Manchester

Bidh seirbheis chuimhneachaidh ann am Manchester feasgar a' comharrachadh gu bheil bliadhna ann bho chaill dà dhuine thar fhichead am beatha ann an ionnsaigh cheannaircich aig consairt anns a' bhaile. Bidh mionaid de shàmhchair ann air feadh Bhreatainn aig 2:30f. Bha Eilidh NicLeòid à Barraigh, a bha 14 bliadhna de dh'aois, am measg na chaill am beatha, agus tha dùil gum bi a pàrantan am measg na bhios aig an t-seirbheis ann an Cathair-Eaglais Mhanchester.

M&S

Cuiridh Marks and Spencer cabhag ris a' phlana airson còrr is 100 bùth a dhùnadh ro 2022. Tha a' chompanaidh ag ràdh gu bheil iad a' sìor ghluasad gu reic air-loidhne. Tha dà stòr an Alba am measg na dhùineas - san Eaglais Bhric agus ann an Cille Brìghde an Ear.

Coirea

Thuirt Riaghaltas Choirea a Deas gu bheil iad den bheachd gun tèid a' choinneamh eadar an Ceann-Suidhe Trump agus ceannard Choirea a Tuath, Kim Jong-un, air adhart, ged a thuirt Pyongyang o chionn ghoirid gu bheil iad a' beachdachadh air tarraing a-mach àiste. Bidh Ceann-Suidhe Choirea a Deas, Moon Jae-in, agus Dòmhnall Trump, a' bruidhinn air a' chùis nuair a choinnicheas iad aig an Taigh Gheal an-diugh.

Àrd-Easbaig

Chaidh àrd-easbaig Astràilianach fhaighinn ciontach fo chasaid gun do chuir e am falach cùisean de dhrabastachd an aghaidh cloinne. 'S e Philip Wilson as àirde dreuchd fhathast anns an Eaglais Chaitligich a chaidh a dhiteadh fo chasaid den t-seòrsa sin, agus dh'fhaodadh suas ri dà bhliadhna phrìosain a dhol air.

An Gearasdan

Tha oifis Chomhairle na Gàidhealtachd ann am meadhan a' Ghearasdain a' dùnadh an-diugh agus a' gluasad gu togalach na seann àrd-sgoile air Rathad Achadh an Todhair. Fosglaidh na h-oifisean ùra, air an ainmeachadh air a' Bhall-Pàrlamaid nach maireann, Teàrlach Ceannadach, Dihaoine.

A' Ghàidhlig

Chan eil sgoiltean na h-Alba a' toirt seachad fiosrachaidh gu leòr mu fhoghlam tro mheadhan na Gàidhlig, no fiù 's mun Ghàidhlig fhèin, a rèir an Oll. Boyd Robasdan. Bha esan a' bruidhinn agus iris ùr mu fhoghlam Gàidhlig ga foillseachadh anns an Òlaind. Tha an leabhar ag innse mu na h-atharrachaidhean a thàinig air suidheachadh na Gàidhlig san 17 bliadhna bho chaidh an iris mu dheireadh fhoillseachadh.