Taigh-staile airson Loch Baghasdail

Uisge-beatha Image copyright PA

Chaidh planaichean fhoillseachadh le Stòras Uibhist airson taigh-staile a thogail ann an Loch Baghasdail.

Chosgadh am pròiseact timcheall air £10m, 's ann leis a' choimhearsnachd a bhiodh e, agus 's iad a' choimhearsnachd a bhiodh ga ruith.

"Tha na planaichean a-niste a' dol air aghaidh o chionn grunn bhliadhnaichean," thuirt Cathraiche Stòras Uibhist, Aonghas MacIlleMhaoil.

"'S e an rud a tha sinn a' dol a dhèanamh, taigh-staile a thogail ann an Loch Baghasdail, car coltach ris na rudan a tha a' dol air aghaidh anns na h-eileanan eile.

Dealan

"Ach an rud a tha mun cuairt air seo, gu bheil dòighean ùra agus teicneòlas gu h-àraid ga chleachdadh airson an taighe-staile a tha seo.

"Sin a thaobh mar a tha an t-uisge-beatha fhèin ga dhèanamh, ach tha an t-uabhas fhèin de chumhachd a' dol an grèim airson sin a dhèanamh.

"Agus an rud a tha sinn a' dol a dhèanamh, 's e grèim fhaighinn air sin agus feum a dhèanamh dheth an dà chuid anns an taigh-staile fhèin, agus a bharrachd air sin gum bi dealan ga chruthachadh agus gum bi sin an uair sin anns an àite fhèin. Gun gabh e cleachdadh an taighean agus gnìomhachasan eile a tha mun cuairt.

"Am pròiseact, bidh e seachad air £10m, mar a tha na gnothaichean a tha sin a' dol air aghaidh tha sinn air a' chiad tagradh granta a chur a-steach airson suas ri £6.5m.

"Ma gheibh sinn seachad air a' chiad ìre, bidh beachd againn an uair sin, can ma dh'fhaoidte san Lùnastal seo tighinn, dìreach dè mar a thèid dhuinn.

"Feumar airgead a thogail a bharrachd air ge b' e dè gheibh sinn ann an taic a thaobh sin, agus tha an t-uabhas de dhaoine ris a bheil sinn air a bhith a' bruidhinn taiceil.

"Thig e co-dhiù gu 20 obair, agus a' dol suas gu 30 mar a tha an gnothach a' dol air aghaidh.

"Agus chì sinn sin a' tachairt ann an àiteachan eile, anns na h-eileanan eile mar a tha anns na Hearadh, 's an Ìle - sin agad rud a tha a' tachairt, agus sin an dòigh anns a bheil sinn a' cruthachadh obraichean a mhaireas airson bliadhnaichean is bliadhnaichean.

Rudeigin Eile...

"'S e eòrna am prìomh ghnothach a th' againn airson uisge-beatha a dhèanamh, agus 's e "eilean eòrna" a th' ann, agus mar sin bu chòir dhuinn feum a dhèanamh dheth sin.

"Agus an uair sin bidh cothrom aig croitearan sin a chur a-steach dhan taigh-staile anns na bliadhnaichean a tha romhainn," thuirt e.

Mus tèid aig taigh-staile air uisge-beatha a reic gu laghail, feumaidh e a bhith air a chumail trì bliadhna.

Tha taighean-staile eile air sìneadh ri sinèabhar a dhèanamh 's a reic san eadar-ama, leis nach fheumar sin a chumail.

"Tha dùil againn rudeigin eile a dhèanamh. Chan eil sinn a' dol a dh'innse an-dràsta dè th' ann," thuirt Mgr MacIlleMhaoil.

"Tha an t-uabhas fhèin de shinèabhar a' dol air aghaidh. Ach tha rudeigin eile againn," thuirt e.