Calman Èireannach air seacharan

"Peigi" an Calman

Bha rèis mhòr chalman eadar Corcaigh agus Doire air an deireadh-sheachdain, agus faisg aig 250 mìle aig na calmain ri sgèith.

Bha grunnan chalman nach do nochd aig deireadh na rèise ann an Doire ge-tà - le fear dhiubh a' falbh cho fada ri Bràgar bho Dheas, air taobh siar Leòdhais.

Chuir sin iongnadh air an fhear leis a bheil e, Seán Malone.

"Chaidh an leigeil ma sgaoil aig 11:00m Disathairne, agus bha na calmain a bhuannaich air ais an Doire aig 2:30f," thuirt e.

Seabhag

"Bha gaoth làidir bho dheas an là sin.

"Feumaidh gun do sgèith iad seachad air Doire.

"Bha dà adhbhar air seo.

"A' ghaoth làidir, 's chaidh e seachad mus deach aige air stad. No dh'fhaodadh gur e seabhag a ruith e a-mach gu muir.

"San t-suidheachadh sin, bidh calmain a' sgèith airson am beatha, 's cumaidh iad a' dol gus an ruig iad tìr a-rithist.

"Dh'fhaodadh gur e sin a dh'fhàg an Leòdhas e," thuirt e.

Falbh thar an Aiseig

Tha muinntir Bhràgair bho Dheas air fàilte bhlàth a chur air a' chalman a thàinig a chèilidh gun fhiosta.

Tha Ceitidh Dhòmhnallach air a bhith a' coimhead às a dhèidh, agus tha i fiù 's air ainm a thoirt dhi.

"'S e Peigi a' Phigeon. Thàinig i madainn Diluain, aig 08:00m," thuirt i.

"Bha i gu math sgìth agus bha i a' coimhead airson biadh is rud beag bùirn.

"Tha i air a bhith ag ithe measgan brot bhon chidsin agam, agus sìol airson eun.

"Tha mi a' smaointinn gur e rèis chalman a bh' ann. Thàinig i, tha mi a' smaoineachadh, bho Èirinn.

"Cha robh an aimsir math, agus bha a' ghaoth gu math fiadhaich, 's tha an duine a' smaoineachadh gun tug a' ghaoth i an taobh ceàrr.

"Chan eil i comasach air a dhol dhachaigh i fhèin.

"Tha mi a' smaoineachadh gu bheil i a' dol air làraidh Woody's madainn Dihaoine, tha mi an dòchas.

"Ach chan eil mi buileach cinnteach.

"Tha cuideigin a' falbh air a' bhàta madainn Dihaoine cuideachd gu Èirinn ach feumaidh mi faighneachd an toiseach mus can mi càil eile!" thuirt i.

Dè th' ann an Ainm?

A rèir Seán ge-tà, 's e Pàdraig, seach Peigi, ainm nas fhreagarraiche dhan chalman.

"'S e eun coillich a th' ann an da-rìribh," thuirt e.

"Dh'innis mi sin dhan tè a tha a' coimhead às a dhèidh, ach thuirt i "chan urrainn dhomh sin innse dhan chloinn a-niste!"

"'S e eun fireann a th' ann, 's rèis e dhomh an-uiridh, 's tha e air mu cheithir no còig rèisean a dhèanamh am-bliadhna cuideachd.

"Ma tha deagh eun aig duine, a bhuannaicheas, bheir iad 's dòcha ainm dha air adhbhar air choireigin.

"Fhios agad, ma gheibh mise an calman a tha sin air ais a-niste dh'fhaodadh gun gabh mi Leòdhas air.

Tha Ceitidh an dòchas gum faigh Peigi gu Tìr-Mòr airson a leigeil ma-sgaoil agus gun dèan i a slighe dhachaigh à sin.

Tha Seán a' moladh fhaighinn gu deas agus an cothrom as fheàrr a thoirt, um..., dha, faighinn dhachaigh.

"Far a bheil sinn, tha e caran doirbh càil a chur air dòigh bho Eilean Leòdhais," thuirt e.

"So dh'iarrainn beagan cuideachaidh nan gabhadh sin cur air dòigh rathad air choireigin.

"Cho fada deas 's a ghabhas, agus 's dòcha beagan an iar, faisg air a' chosta 's dòcha.

"Bidh an aimsir air an deireadh-sheachdain seo caran math, leis a' ghaoth bhon ear, so dh'fhaodadh gun dèanadh e a shlighe dhachaigh bho an sin," thuirt e.