"Teagamh eachdraidheil" mu NHS na Gàidhealtachd

Gleann Eilg Image copyright Andrew Hill/Geograph

Tha muinntir Ghlinn Eilg ag ràdh gur e cuideigin fìor neo-eisimeileach a dh'fheumas a bhith os cionn chòmhraidhean eadar iad fhèin agus NHS na Gàidhealtachd.

Tha an NHS a' moladh coimhead às ùr air seirbheis na slàinte ann an Gleann Eilg, sgìre anns nach eil dotair nas fhaisge na Ospadal an Ath Leathainn san Eilean Sgitheanach an dèidh 6:00f - còrr air uair de thìde gu leth air falbh.

Tha mu dhà bhliadhna ann bho thugadh crathadh air seirbheis na slàinte sa ghleann, le seirbheisean dotair gan gearradh air ais.

Thathas a' comhairleachadh do mhuinntir an àite fònadh gu NHS 24 ma tha iad a' faireachdainn tinn air an oidhche.

Teagamh Eachdraidheil

"Tha dotair againn an seo Diluain. Chan eil dotair anns an àite idir Dimàirt," thuirt Dòmhnall Iain MacLeòid, a tha a' fuireach ann an Gleann Eilg.

"Tha e a' dol mar NHS 24. Feumaidh tu fònadh.

"Mar a tha mise a' cluinnteil mu NHS 24, tha e glè dhuilich. Dh'fhaodadh tu a bhith deich mionaidean no cairteal na h-uaireach air a' fòn tha iad a' faighneachd dhut a bheil thu cinnteach gu bheil thu ag iarraidh duine, no gu bheil thu ag iarraidh siud no seo.

"Ach 's ann sìos a tha an t-seirbheis a' dol. Chan eil teagamh sam bith ann an sin," thuirt e.

Fhuair muinntir Ghlinn Eilg togail bho chionn ghoirid nuair a thàinig aithisg a-mach air a sgrìobhadh leis an Àrd-Oll. Lewis Ritchie, le grunn mholaidhean airson seirbheisean slàinte san sgìre.

Le aire mòran air a' mholadh gum bu chòir Ospadal Phort Rìgh a chumail fosgailte, bha dragh cuideachd ga thogail mu staid sheirbheisean slàinte ann an Gleann Eilg 's na bailtean timcheall, le moladh ann gun tigeadh luchd-iomairt an àite agus oifigich NHS na Gàidhealtachd còmhla, leis a' chonaltradh ga stiùireadh le neach neo-eisimeileach.

"Gu follaiseach, tha feum air eadar-mheadhanaiche neo-eisimeileach," thuirt Iain Aonghas MacIllEathain, bho Chomhairle Coimhearsnachd Ghlinn Eilg.

"Bhiodh ceist oirnne cò a chuireas an t-eadar-mheadhanaiche sin an dreuchd, a thaobh cò a tha a' pàigheadh air a shon, 's mar sin air adhart.

"Ma 's ann le NHS na Gàidhealtachd, tha mi duilich, ach cha ghabhamaid ri sin idir.

"Canamaid gu bheil mòran teagaimh eachdraidheil mu dheidhinn mar a tha NHS na Gàidhealtachd air a dhol timcheall air a' chùis air fad.

"Dh'fheumadh iad a bhith gu math radaigeach nan dòigh a-niste," thuirt e.

Chuir am BBC fios gu NHS na Gàidhealtachd a' sireadh beachd air a' chuspair agus cuin a bha dùil aca gun tòisicheadh còmhradh eadar iad fhèin agus muinntir an àite, ach cha do fhreagair iad fhathast.