Naidheachdan Gàidhlig air an deireadh-sheachdain

Luchd-naidheachd

Tha seirbheis naidheachd Ghàidhlig a' BhBC a' leudachadh.

Bhon t-Sultain bidh naidheachdan a bharrachd gan aithris air an deireadh-sheachdain - le irisean de dh'An Là an dà chuid Disathairne agus Là na Sàbaid.

Tha leudachadh a' tighinn cuideachd air seirbheisean didseatach.

Thathas cuideachd a' sireadh luchd-naidheachd a bharrachd mar phàirt de na planaichean.

Air-loidhne

"'S e am prìomh rud gum bi naidheachdan air an deireadh-sheachdain airson BBC ALBA, agus airson luchd-amhairc BhBC ALBA" thuirt deasaiche na seirbheis naidheachd, Norrie MacIllinnean.

"'S e bulletinean a bhios ann aig àm dinneir Disathairne, agus àm dinneir Là na Sàbaid.

"Agus cuideachd bidh leudachadh ann far am bi bulletinean rèidio ann Là na Sàbaid, agus cuideachd tha sinn an dòchas gum bi prògram slàn, beò, againn - Seachd Là a tha a' dol a-mach an-dràsta mar phrògram a thathar a' clàradh ro-làimh - tha sinn an dòchas gum bi sin beò eadar 6:30f agus 7:30f gach Là na Sàbaid.

"Tha sinn an dòchas leudachadh a dhèanamh air an t-seirbheis a tha sinn a' dèanamh air an eadar-lìon.

"Aig an ìre seo tha cùisean car teann. Dh'aidichinn sin.

"Tha sinn air a bhith ag amas air barrachd leudachaidh a dhèanamh an sin, agus tha sinn an dòchas gun tèid againn air sin a dhèanamh.

"Bidh barrachd ghoireasan mu choinneimh an eadar-lìn. Tha sinn a' sgrùdadh diofar dhòighean gus barrachd a dhèanamh.

"Tha sinn mothachail aig an ìre seo, nach eil gu leòr againn air an fheasgar gach là. Chan eil gu leòr againn air an deireadh-sheachdain air an eadar-lìon, agus tha sinn airson barrachd a dhèanamh a thaobh sin cuideachd.

Luchd-obrach

"Tha sinn airson sianar no seachdnar de luchd-obrach a bharrachd fhastadh, agus san dòigh sin, thèid againn air seirbheis choileanta a chur air dòigh air an deireadh-sheachdain.

"Ma tha seachdnar gu bhith againn, bidh sianar nan luchd-naidheachd, ag obair air naidheachdan deasachail, air cruthachadh sgeulachdan, air cruthachadh phrògraman.

"Bidh cuideachd aon neach-teicnigeach againn.

"San fharsainneachd bidh measgachadh ann - leas-neach-deasachaidh; dithis àrd-neach-naidheachd; dithis neach-naidheachd àbhaisteach, agus neach-naidheachd a tha co-cheangailte ris an eadar-lìon agus obair dhidseatach mar sin," thuirt e.