Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

28 An Cèitean 2018 Ùraichte aig Ùraichte aig

Brexit

Choinnich am Prìomh Mhinistear, Nicola Sturgeon, ri àrd-riochdaire an EU ann an còmhraidhean Bhrexit, Michel Barnier anns a' Bhruiseal an-diugh, 's i a' mìneachadh draghan na h-Alba mu Bhreatainn a bhith a' fàgail an Aonaidh Eòrpaich. Thuirt am Bana-mhaighstir Sturgeon gun do dh'innis i do Mhgr Barnier gu bheil Alba airson fuireach ann an aonadh cusbainn agus margaidh singillte an EU agus gum biodh aonta Bhrexit, a bheireadh cothroman farpais nas fheàrr do dh'Eirinn a' Tuath na gheibh pàirtean eile dhen Rioghachd Aonaichte, na thrioblaid mhòr do dh'Albannaich.

Muirt

Thuirt poilis gu bheil iad air casaid muirt a chuir às leth fear aois 21 co-cheangailte ri mar a chaidh corp a lorg ann an Dùn Dè an t-seachdain a chaidh. Fhuairear an corp, nach deach aithneachadh gu h-oifigeal fhathast, nuair a chaidh oifigearan an gairm gu seòladh air Sràid Brown Constable tràth madainn Dhihaoine.

Cooper

Tha Niall Cooper, a b'àbhaist a bhith na chluicheadair airson Obar Dheathain agus a tha an-dràsta na mhanaidsear air Ceann Phàdraig, ann an suidheachadh èiginneach as dèidh dha a dhol an laigse air an deireadh-sheachdain. Chaidh Mgr Cooper, a tha 54, a thoirt gu Ospadal Rìoghail Obar Dheathain as dèidh mar a chaidh fhaighinn air staidhre ann an togalach flataichean ann an sgire Bucksburn den bhaile tràth madainn an-dè. Thuirt na poilis gu bheil iad a' rannsachadh ach nach eil càil amharasach mun a' chùis.

Casg-breith

Tha am pàrtaidh Làbarach air an guth a chuir ri iarratasan airson laghan casg-breith Èirinn a' Tuath atharrachadh. Tha seo a' leantainn air an referendum ann am Poblachd na h-Èireann, far an do bhòt timcheall air dà thrian de dhaoine airson casg-breith a cheadachadh. Seach nach eil riaghaltas tiomanaichte air a bhith aca ann an Èirinn a Tuath airson còrr is bliadhna, 's e Lunnainn a dh'fheumadh co-dhùnadh a dhèanamh air atharrachaidhean sam bith.

Deugaire

Dh'fhoillsich Poilis Alba gun d'fhuair iad lorg air deugaire à Siorrachd Àir a chaidh a dhìth bho chionn faisg air seachdain. Thuirt oifigearan gun deach Olivia Bryson, a tha 14, a lorg ann am Manchester Dihaoine.

Teintean

Tha luchd-smàlaidh fhathast ag obair air teintean a thòisich air monaidhean san iar-thuath an-dè. Bha mu 30 dhuibh an-sàs ann an teine faisg air Sligeachan san Eilean Sgitheanach. Bha teine eile ann an Srath Carrann, agus chaidh heileacoptair a chleachdadh air teine aig Diabaig ann an Toirbheartan. Tha na poilis airson bruidhinn ri daoine a bh'ann an dà bhana a chaidh fhaicinn faisg air far an do thòisich an teine sin, bhan beag dearg, agus bhana campachaidh geal às an Olaind.

Pìleat

Chaidh casaid a chuir às leth pìleat aig a' chompanaidh adhar Duitseach, KLM, gun robh an deoch air aig obair. Chaidh a chuir an grèim aig Port Adhair Oslo ann an Nirribhidh, 's e air aithris gun do dh'fhailich e deuchainn dhibhe.