Comann Eachdraidh air a' Bhac?

Thèid oidhirp a dhèanamh gus Comann Eachdraidh ath-stèidheachadh air a' Bhac ann an Leòdhas.

Chaidh coinneamh a chumail san sgìre air an deireadh-sheachdain airson tomhais an robh ùidh aig daoine ann a bhith a' cur leithid de bhuidhinn air chois.

Bha còrr 's deichnear an làthair aig a' choinneimh.

Dh'aontaich iad gum bi coinneamh eile ann airson bun-reachd ceart a chur air bhonn agus a' bhuidheann a chur air chois às ùr.

Chan eil Comann Eachdraidh air a bhith anns an sgìre bho chionn deich bliadhna fichead.

Goireasan

Thuirt Dòmhnall Dòmhnallach, a bha an-sàs ann a bhith cur na coinneimh air dòigh, nach eil togalach aig a' bhuidhinn agus gu robh e doirbh mar sin a cumail a' dol.

Dh'innis e gu bheil mòran den na Comainn Eachdraidh ann an Leòdhas stèidhichte ann an seann sgoiltean, ach gun deach seann sgoil san sgìre acasan a leagail.