Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

29 An Cèitean 2018 Ùraichte aig Ùraichte aig

A' Bheilg

Chaidh dithis oifigearan poilis a mharbhadh nuair a loisg fear le gunna orra ann am baile Liege anns a' Bheilg. Tha aithrisean ann, nach eil dearbhte, gun deach an treas duine a mharbhadh. Thuirt na Poilis gu bheil smachd aca air an t-suidheachadh a-niste, ged nach eil e follaiseach dè bh' air cùlaibh na h-ionnsaigh.

Amannan Feitheimh

Thàinig air cha mhòr 17,000 euslainteach an Alba feitheamh còrr is trì mìosan airson tòiseachadh air cùram leigheas fhaighinn air na trì mìosan gu deireadh a' Mhàirt am-bliadhna. Tha e mar chùmhnant laghail aig Riaghaltas na h-Alba gum feum bòrd-slàinte tòiseachadh air leigheas a thoirt don a h-uile euslainteach an taobh a-staigh trì mìosan.

An Eadailt

Thuit luach an Euro agus luach nan earrainnean Eadailteach air na margaidhean mòra Eòrpach le mì-chinnt mu shuidheachadh poileataigeach na h-Eadailt. Tha dùil gun tèid riaghaltas eadar-amail ainmeachadh anns an Ròimh an-diugh, ach tha dhà de na pàrtaidhean as motha ag ràdh nach cuir iad taic ris, agus gum bhòt iad na aghaidh - a' ciallachadh gum faodadh taghaidhean eile a bhith ann anns an t-Sultain.

Carphone Warehouse

Dh'innis Dixon's Carphone gum bi iad a' dùnadh cha mhòr ceud stòr Carphone Warehouse am-bliadhna. Tha a' bhuidheann a' fulang leis gu bheil luchd-cleachdaidh a' cumail nan smartphones nas fhaide, agus innealan anns nach eil ach SIM a-mhàin. Thuit 20% far luach earrainnean na companaidh a' chiad ghreis an-diugh, ach thuirt iad nach caill duine an cosnadh, agus gum bi cothrom aig luchd-obrach gluasad gu stòr nas motha.

Drabastachd Chloinne

Thuirt fear a bh' ann an cùram dachaigh Chaitligich ann an Cill Mheàrnaig gun do dh'innis e dhan àrd-bhean-chràbhaidh, agus do shagart gum faca e fear-obrach "handman" a' toirt ionnsaighean drabasta air cloinn. Thuirt am fianaisiche gun do dh'fheuch an duine ri ionnsaigh dhrabasta a thoirt airsan cuideachd. Thuirt e gun deach a ghluasad a-mach à Nazareth House goirid an dèidh sin. Tha rannsachadh a' dol air adhart.

Stockport

Tha duine an grèim fo amharas gun do rinn e murt an dèidh do chàr bualadh ann an daoine air taobh a-muigh cluba-oidhche ann an Stockport faisg air Manchester. Chaidh duine a bha 30 a mharbhadh, agus chaidh dithis eile a ghoirteachadh. Tha fear a tha 30 an grèim an dèidh dha a dhol le a thoil fhèin gu stèisean poilis an-raoir.

Fireannaich

Thèid rannsachadh fad trì bliadhna a dhèanamh aig Oilthigh Ghlaschu air dè tha a' toirt air fireannaich an Alba làmh a chur nam beatha fhèin. Bidh an rannsachadh a' coimhead air dè seòrsa rud a tha a' cur ris a' chunnart, agus dè ghabhas dèanamh mu dheidhinn. Chuir 728 duine an Alba làmh nam beatha fhèin ann an 2016, agus 's e fir a bh' ann an trì chairteil dhiubh sin.

Coirea a Tuath

Tha fear a tha dlùth air ceannard Choirea a Tuath air a shlighe dha na Stàitean Aonaichte. Tha feadhainn den bheachd gu bheil sin na shealladh air ullachadh airson coinneimh eadar Kim Jong-un agus an Ceann-Suidhe Trump. Agus tha na meadhanan naidheachd ann an Iapan ag ràdh gun deach àrd-oifigeach eile à Coirea a Tuath gu ruige Singapore a choinneachadh ri oifigich Aimeireaganach.

Teinichean

Dh'iarr an t-seirbheis smàlaidh air daoine a bhith fìor fhaiceallach le teine air a' bhlàr a-muigh. Chuir luchd-smàlaidh an dàrna oidhche seachad a' strì ri dà theine air taobh siar Rois - fear ann an Srath Charrann agus fear eile ann an Toirbheartan.