Fear fo aithisg mu theine Sligeachain

Falaisgear faisg air Sligeachan Image copyright Sgioba Teasairginn an Eilein

Thèid aithisg a thoirt do Neach-Casaid a' Chrùin mu fhireannach, 49, an co-cheangail ri mar a sgap teine sa mhòintich faisg air Sligeachan san Eilean Sgitheanach Didòmhnaich.

B' e an teine fear de ghrunn fhalaisgearan ris an robh an t-seirbheis smàlaidh a' dèiligeadh san Eilean Sgitheanach agus taobh siar Rois air an deireadh-sheachdain, agus a-steach gu Diluain.

Chaidh fios a chur air na seirbheisean èiginneach mu 10:00m Didòmhnaich, agus chaidh aig smàladairean air a mhùchadh 12 uair de thìde às dèidh sin.

Thuirt Poileas Alba gu bheil rannachadh aca fhathast a' dol air adhart feuch dè dh'adhbharaich na teinichean thairis air na làithean mu dheireadh, agus aimsir bhlàth, thioram air a bhith ann.

Tha luchd-smàlaidh fhathast a' strì ri teine mhòr ann an Toirbheartan, far an do thòisich e a' sgapadh aig Diabaig an Àird madainn Didòmhnaich.

Thuirt Seirbheis Smàlaidh is Teasairginn na h-Alba gun deach teine eile dhan deach an gairm aig 07:00m Didòmhnaich, aig Achadh an t-Suidhe an Srath Charrann a chur às.

Tha rabhadh gu bheil cunnart nas motha ann bho theinichean an sàs air feadh an h-Alba gu Diardaoin.

Tuilleadh air an sgeulachd seo