Planaichean ùra a thaobh chumhachd ath-nuadhachail

Crann

Tha coimhearsnachdan air a' Ghàidhealtachd agus anns na h-eileanan a' beachdachadh air ciamar a ghabhadh cumhachd ath-nuadhachail a tha iad a' cruthachadh a chleachdadh anns na coimhearsnachdan fhèin, seach a bhith ga reic ris a' Ghriod Nàiseanta.

Tha iomadh coimhearsnachd ann a-nise le sgeamaichean ath-nuadhachail a tha iad fhèin air a stèidheachadh.

Tha cuid dhiubh air a bhith a' coinneachadh is iad a' coimhead ri eisimpleirean dhùthchannan eile far a bheil cumhachd ga chur feum anns na coimhearsnachdan far a bheil e ga chruthachadh.

Dh'fhaodadh gur e aon dòigh a bhiodh an seo air dèiligeadh ri bochdainn connaidh.

Plana

"Tha sinn an dèidh a bhith a' smaoineachadh bho chionn fhada gum biodh e garbh math nam b' urrainn dhuinn an cumhachd a tha seo a chur dha na taighean anns a' choimhearsnachd fhèin, an àite a bhith ga reic ris an lìonra fhèin, ri na companaidhean mòra", thuirt Tormod MacThòmais, a tha na stiùiriche air companaidh chumhachd Oighreachd Ghabhsainn ann an Leòdhas.

"Bhiodh e buileach math nam b' urrainn a thoirt dha na daoine anns a' choimhearsnachd, 'son an-dràsta tha bochdainn connaidh, 's e rud mòr a tha sin san eilean againne", thuirt e.

Thuirt Mgr MacThòmais gu bheil Urras Oighreachd Ghabhsainn cuideachd a' coimhead ri seòrsaichean eile chumhachd ath-nuadhachail, mar chumachd na grèine, gus nach biodh iad gu tur an eisimeil na gaoithe.

Tha iad cuideachd a' coimhead ri dòighean gus an cumhachd a tha iad a' cruthachadh a stòradh.

'S e bataraidhean aon dòigh air sin a dhèanamh, thuirt Mgr MacThòmais.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile