Bile nan Eilean gus dol troimhe

Ar n-Eileanan Ri Teachd

Tha dùil gun tèid gabhail ri Bile nan Eilean le Pàrlamaid na h-Alba Diciadain.

Tha am bile ag amas air dìon a chur air coimhearsnachdan eileanach - a' gabhail a-steach Arcaibh, Sealtainn agus na h-Eileanan Siar - bho laghan agus riaghailtean a bhiodh ag obair ann am bailtean mòra, ach a dh'fhaodadh cron a dhèanamh air na h-eileanan.

"Aon uair 's gun tèid e tron Phàrlamaid bidh am bile an uair sin air a stèidheachadh ann an lagh, agus feumar gabhail ris gur ann mar sin a bhios e a' dol air adhart," thuirt Fear-Gairm Chomhairle nan Eilean Siar, Tormod Dòmhnallach.

"Chan eil sin idir ag ràdh nach robh rudan ann a lùigeadh sinn a bhiodh anns a' bhile nach bi anns a' bhile.

Deagh Rùn

"Ach bidh cothrom againn fiù 's anns na bliadhaichean a tha romhainn ma 's e 's gu bheil sinn a' faicinn gu bheil rud ag obrachadh nar n-aghaidh.

"An aon rud 's ma tha bile sam bith eile a' dol tron Phàrlamaid - biodh sin an Alba no Lunnainn no àiteigin eile - ma 's e 's gu bheil e soilleir nach eil e ag obrachadh san dòigh a bhathas a' meas a bha e a' dol a dh'obair, 's dòcha gum feum e a-rithist a dhol tro ìre eile, agus an lagh a bhith air atharrrachadh a-rithist airson na rudan a tha daoine ag iarraidh fhaicinn a' tighinn am bàrr," thuirt e.

Bha Comhairle nan Eilean Siar ag iarraidh, aig an dàrna ìre, atharrachadh a chur anns a' bhile a dhèanadh e duilich do bhuidhnean a bha a' cur riaghailtean no laghan sam bith air dòigh faighinn às gun a bhith a' beachdachadh air muinntir nan eilean.

Cha do shoirbhich leotha ge-tà.

"Aig an dàrna ìre, tha mi a' smaoineachadh gun do rinn am ministear e soilleir nach robh e cofhurtail mu dheidhinn sin, agus tha fhios agam gu bheil e air a bhith a' bruidhinn ri diofar dhaoine bhon uair sin," thuirt Mgr Dòmhnallach.

"Chan eil càil a dh'fhios againn aig an ìre seo a bheil e a' dol a ghabhail ris a' mholadh a tha sin no nach eil.

"Ach aig deireadh na cùise, feumaidh sinn fhìn cumail a' putadh airson sin.

"Bhon mura h-eil sinn a' dol a dh'fhaighinn - buidhnean poblach gu sònraichte, ach buidhnean eile cuideachd - mura h-eil iad gu bhith a' toirt fa-near na buaidhe a bhios aige air muinntir eileanach, tha mi a' smaoineachadh nach eil sinn air cus adhartais a dhèanamh.

"Agus tha fhios againn nach e sin an fheallsanachd a th' aig an Riaghaltas.

"Ach 's e dè bhios anns a' bhile aig deireadh an là. 'S e sin a tha gu bhith a' cunntadh anns a' chiad àite.

"Tha mi a' smaoineachadh, nuair a bha sinne a' toirt fianais dha na comataidhean den Phàrlamaid, gach cuid sinn fhìn agus Arcaibh is Sealtainn, tha mi a' smaoineachadh gun robh sinn a' faighinn deagh èisteachd bho na buill air na comataidhean a tha sin gu tur.

"'S tha sin a' gabhail a-steach bhall a tha mar phàirt den Riaghaltas, agus cuideachd buidhnean eile nach eil mar phàirt den Riaghaltas, ach tha iad a' toirt am beachdan fhèin dhan Phàrlamaid, agus 's ann an uair sin a thèid na co-dhùnaidhean a dhèanamh.

"Is le sin tha sinne dòchasach dha-rìribh gun toir am ministear fa-near an deagh rùn a tha sin, tarsainn nan comataidhean air fad, airson nam prìomh rudan a tha sinn air a bhith a' sireadh," thuirt e.

Aonta Eileanach

Tha na comhairlean Eileanach cuideachd air a bhith ag iarraidh gun tèid Aonta Eileanach a chur air dòigh, cleas na tha na h-uimhir de bhailtean mòra air faighinn.

Tha Mgr Dòmhnallach gu math dòchasach gun tèid leithid de dh'aonta a ruighinn airson nan sgìrean eileanach.

"Tha e duilich a ràdh aig an ìre seo dè na suimean airgid a bios an lùib an aonta a tha sin," thuirt e.

"Ach tha sinne glè shoilleir air na deich prìomhachasan as àirde a th' againn fhìn, tro mheasadh a rinn sinn gach cuid an taobh a-staigh na Comhairle, ann an conaltradh ri buidhnean poblach eile agus buidhnean eile sna h-Eileanan, agus am mòr-shluagh.

"Agus tha sinne air measadh a dhèanamh air sin air dòigh 's gu bheil sinne a' faicinn gu bheil e reusanta na rudan a tha sinn a' sireadh.

"Agus 's e a' cheist, dè cho deònach 's a tha na riaghaltasan gach cuid ann an Lunnainn agus ann an Dùn Èideann na suimean airgid a tha sinne a' sireadh a chur mu choinneimh sin.

"Cha bhi fhios againn air sin a-rithist gu às dèidh dhan bhile a bhith na àite.

Gnìomhachas na h-Ola

"Tha na còmhraidhean sin a' leantainn fhathast, ach a-rithist tha sinn a' faighinn teachdaireachd gu math làidir bho na h-oifigearan aig gach riaghaltas air na prìomhachasan a th' againn, nach eil iad mì-reusanta, agus 's e a-nise a' cheist dè cho mòr 's a bhios an suim airgid a gheibh sinn," thuirt e.

Fhuair Inbhir Nis agus a' Ghàidhealtachd £300m fon aonta a fhuair iadsan.

"Tarsainn nan trì sgìrean eileanach lùigeadh sinn gum biodh sinn a' faighinn barrachd air sin gu cunbhallach," thuirt Mgr Dòmhnallach.

"Agus tha e duilich a ràdh ciamar a bhios sin air a roinn a-mach eadar sinn fhìn, Arcaibh agus Sealtainn.

"Tha mi a' smaoineachadh gu bheil feumalachdan sònraichte againne anns na h-Eileanan Siar, ach nuair a choimheadas daoine ris an stòras mhòr a chaidh a chur an sàs gach cuid ann an Sealtainn agus ann an Arcaibh tro ghnìomhachas na h-ola, tha sinne glè ghlè fhada air cùl sin, agus tha sinne a' meas gu bheil còir againn prìomhachas fhaighinn nuair a thèid a' mhaoin a tha sin a roinn a-mach.

"Agus tha sinn dòchasach dha-rìribh gum faigh sinn rud a tha a' dol a dhèanamh atharrachaidhean bunaideach a thaobh nan coimhearsnachdan againn.

"Mura faigh sinn sin, tha mi a' smaoineachadh nach robh còir againn a bhith air tòiseachadh," thuirt e.