Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

30 An Cèitean 2018 Ùraichte aig Ùraichte aig

An Ugràin

Chaidh ministear cèin na Ruis às àicheadh gur e Mosgo a bh' air cùlaibh muirt fhir-naidheachd Ruiseannaich anns an Ugràin. Thuirt Sergei Lavrov nach eil anns na casaidean sin ach pàirt de dh'iomairt an aghaidh na Ruis. Chaidh losgadh na h-uimhir de thursan le gunna air an fhear-naidheachd Arkady Babchenko aig a dhachaigh ann an Kiev. Bha esan air a bhith a' càineadh a' Chinn-Suidhe Putin, agus thuirt e ron seo gun robh dragh air gun robh a bheatha ann an cunnart.

RBS

Dh'fhàg àrd-oifigear an ionmhais aig Banca Rìoghail na h-Alba a dhreuchd ro choinneimh bhliadhnail a' bhanca an-diugh. Thuirt Ewan Stevenson gu bheil e a' gluasad gu cothrom air obair eile. Tha làn-dùil gun tèid ceannardan RBS a cheasnachadh mun dòigh anns an do dhèilig iad ri cuid de luchd-gnothaich, agus mun phlana chonnspaideach airson meuran banca a dhùnadh. Tha fathannan ann cuideachd gu bheil Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte am beachd cuid de dh'earrainn na Stàite ann an RBS a reic.

CalMac

Thèid àrd-mhanaidsear Chaledonian Mhic a' Bhriuthainn a cheasnachadh aig Holyrood an-diugh mu throimhe-chèile nan seirbheisean aiseig air na beagan mhìosan mu dheireadh. Tha Robbie Drummond a' dol mu choinneimh Comataidh na h-Eaconomaidh Dùthchail. Dh'aidich esan bho chionn ghoirid gur e seo suidheachadh cho dona 's a th' air a bhith ann bho chionn seachd bliadhna. Thuirt e ron seo cuideachd gu bheil tuilleadh bhàtaichean a dhìth airson seirbheis cheart a thoirt seachad.

Bile nan Eilean

Tha dùil gun gabh Pàrlamaid na h-Alba an-diugh ris a' bhile airson tuilleadh dìon agus chumhachd a thoirt do sgìrean eileanach, ged nach eil Comhairle nan Eilean Siar buileach riaraichte le Bile nan Eilean mar a tha e, thuirt iad gun cum iad orra a' feuchainn ri leasachadh a thoirt air.

Cearcall-rathaid an Longman

Tha cothrom eile ann an-diugh sùil a thoirt air na diofar roghainnean airson leasachadh air cearcall-rathaid an Longman ann an Inbhir Nis. Tha Còmhdhail Alba air còig molaidhean fhoillseachadh, agus iad uile a' ciallachadh gum biodh an dàrna cuid an A82, no an A9, a' dol os cionn an rathaid eile. tha an taisbeanadh ann eadar 12:00f agus 7:00f aig Stèidiam Chaley Thistle Inbhir Nis. Tha na planaichean cuideachd air làrach-lìn Còmhdhail Alba.

Teine

Tha sia sgiobannan smàlaidh a' strì fhathast ri teine air fearann ann an sgìre Loch Aillse. Thuirt an t-Seirbheis Smàlaidh gun do leig dà heileacoptair uisge air an teine eadar Baile Mac Ara agus Achadh nan Darrach.