Boireannach air tuiteam sa Chuith Raing

Chaidh boireanach a thogail dhan ospadal an dèidh dhi tuiteam 's i a' coiseachd san Eilean Sgitheanach.

Chaidh na seirbheisean èiginneach a ghairm gu sgìre na Cuith-Raing ann an Tròndarnais goirid an dèidh 10:00m Diciadain.

Thugadh am boireannach gu Ospadal an Ath Leathainn ann an heileacoptair nam Maor-Cladaich.

Chan eil fhios aig an ìre seo dè cho mòr 's a tha i air a goirteachadh.