Teine eile air a' Ghàidhealtachd

Teine ann an Toirbheartan. Image copyright Peter Jolly
Image caption Bha an teine seo ann an Toirbheartan am measg nam falaisgearan a th' air a bhith ann anns na làithean mu dheireadh.

Tha luchd-smàlaidh a' strì a-rithist ri teine air a' mhonadh air taobh siar na Gàidhealtachd.

Bha trì einnseanan smàlaidh an làthair aig an teine eadar Baile Mac Ara agus Achadh nan Darrach ann an Loch Aillse tron oidhche Dimàirt.

Thuirt an t-Seirbheis Smàlaidh gun tèid trì einnseanan eile a chur ann madainn Diciadain.

Tha iad cuideachd an dùil dà heileacoptair a chleachdadh airson uisge a dhòrtadh air an teine.

Tha sreath fhalaisgearan air a bhith ann air a' Ghàidhealtachd anns na làithean mu dheireadh, is rabhadh ann gu bheil cunnart nas motha ann bho theinichean air feadh an h-Alba gu Diardaoin.

Chaidh innse Dimàirt gun tèid aithisg a thoirt do Neach-Casaid a' Chrùin mu fhireannach, 49, an co-cheangail ri mar a sgap teine sa mhòintich faisg air Sligeachan san Eilean Sgitheanach Didòmhnaich.

Tuilleadh air an sgeulachd seo