CalMac "fo uallach mhòr"

Robbie Drummond
Image caption Robbie Drummond a' bruidhinn aig Holyrood Diciadain.

Dh'aidich Àrd-Stiùiriche Chaledonian Mhic a' Bhriuthainn gu bheil seirbheis na companaidh fo uallach mhòr.

Bha Robbie Drummond a' toirt seachad fianais do Chomataidh na h-Eaconomaidh Dùthchail Diciadain.

Bha buill na comataidh ga cheasnachadh gu sònraichte mun troimhe-chèile a tha air bualadh air CalMac anns na seachdainean mu dheireadh.

Thuirt Mgr Drummond gu bheil CalMac a' dèanamh an dìcheall ach gu bheil iad ann an suidheachadh dùbhlannach.

Thuirt e gu bheil àireamhan luchd-siubhail ag èiridh gu mòr.

Thuirt e gu bheil a h-uile aiseag a th' aca air an cur gu feum tro mhìosan an t-Samhraidh is nach eil bàtaichean idir rim faighinn ma thèid rudeigin ceàrr.

Dh'innis e nach eil companaidhean aiseig eile san Roinn Eòrpa san t-suidheachadh seo is iad mar as trice le bàtaichean aca a chleachdas iad ann an suidheachadh èiginn.

Aiseagan ùra

Às dèidh ceist bhon BhPA Gàidhealach Uaineach, Iain Finnie, thuirt Mgr Drummond gu bheil CMAL is CalMac air a bhith a' feuchainn ri aiseagan ùra fhaighinn airson sia bliadhna.

Thuirt e gu bheil uisgeachan, a' gabhail a-steach doimhneachd nan uisgeachan sin, is puirt na h-Alba, a' fàgail nach robh e comasach dhaibh thuige seo aiseag freagarrach fhaighinn.

Gheall e gu bheil oidhirpean a' leantainn gus aiseagan ùra fhaighinn, ged a dh'aidich e nach eil e ro dhòchasach gun gabh bàta freagarrach a lorg.

Thuirt e gun dèan an dà bhàta a thathas a' togail an-dràsta feum mòr.

Thuirt e gu bheil bàtaichean ChalMac aig ìre, ach ghabh e ris gu bheil feum air leudachadh is leasachadh.

Dh'innis e gu bheil aois nam bàtaichean, 23 bliadhna sa chumantas, a' fàgail gum bi buaidh air choireigin air seirbheisean.

A thaobh na troimhe-chèile a th' air a bhith ann, thuirt e gu bheil CalMac a' dèanamh a h-uile dad as urrainn dhaibh gus nach bi buaidh ro mhòr air coimhearsnachdan, is gu bheil iad a' gabhail feart air beachdan ionadail nuair a tha iad a' cur phlanaichean air dòigh.

Conaltradh

Dh'aidich Mgr Drummond ge-tà, nach eil an conaltradh a tha CalMac a' dèanamh le luchd-siubhail uaireannan aig an ìre a dh'iarradh iad.

Thuirt e gu bheil iad ag obair gus piseach a thoirt air an t-seirbheis sin.

Air ceist air an gabhadh bàta bathair fhaighinn dha na h-Eileanan an Iar, thuirt Mgr Drummond gun gabhadh sin a dhèanamh nam biodh bàta ri fhaighinn, is nam biodh Còmhdail Alba deònach pàigheadh air a shon.

Thuirt e cuideachd nach gabh là-obrach ChalMac a leudachadh aig an ìre seo air sgàth laghan luchd-obrach.

Dh'fheumte barrachd luchd-obrach fhastadh gus an là-obrach a leudachadh, dh'innis e.

Smachd

Thog am BPA Tòraidheach, Jamie Greene, dragh gu bheil bàtaichean a' fàs nas sinne is nach eil an cumhachd aig CalMac iad fhèin feadhainn ùra fhaighinn no fiù 's iarraidh.

Fhreagair Mgr Drummond gur e sin "nàdar a' chùmhnaint".

Thuirt e gu bheil feum air còmhraidhean eadar CalMac, CMAL is Còmhdail Alba a thaobh plana airson an ath 20-30 bliadhna.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile