Fear-coiseachd air bàsachadh san Eilean Sgitheanach

Bhàsaich fireannach às dèidh dha tuiteam is e a' coiseachd san Eilean Sgitheanach Diciadain.

Thachair an tubaist aig Camas Fhionnairigh faisg air Ealaghol ann an ceann a deas an eilein.

Chaidh iomairt-teasairginn a chur air dòigh ach bhàsaich an duine aig làrach na tubaist.

Cha deach ainmeachadh fhathast.