Na Gàidheil "nam buidheann chinnidheach"

A' Ghàidhlig

Tha aithisg a nochd Diardaoin air eucoir ghràin an Alba, air beachdachadh air suidheachadh na Gàidhlig.

San aithisg a dh'iarr Riaghaltas na h-Alba an-uiridh air laghan gràin na dùthcha san fharsaingeachd, tha am Morair Bracadal a' co-dhùnadh nach eil atharrachadh a dhìth sna laghan a th' ann, ach gum faodar eucoir an aghaidh Ghàidheal a pheanasachadh mar eucoir ghràin fo na laghan a th' ann mar thà.

Thuirt e gun robh argamaid "cuimseach làidir" ann gur e "buidheann chinnidheach" a th' anns na Gàidheil mar a tha an abairt sin air a mhìneachadh ann an lagh na h-Alba an-dràsta, agus mar sin dheth, ma thathas a' meas gu bheil cùis ghràin an aghaidh Ghàidheal na h-eucoir, gum faodar dèiligeadh ri gràin an aghaidh Ghàidheal fo laghan a th' ann mar thà.

Cha robh am Morair Bracadal den bheachd gur ionnan am magadh a chìthear an aghaidh Ghàidheal ann an cuid de phàipearan-naidheachd agus air na meadhanan sòisealta agus eucoir, 's e ag ràdh gum feumadh eucoir a bhith gu math follaiseach sa chùis airson sin.

Dh'iarr Riaghaltas na h-Alba air a' Mhorair Bracadail an sgrùdadh a dhèanamh aig toiseach na bliadhna an-uiridh.

Tha an aithisg ag ràdh cuideachd gum bu chòir do reachdas eucoir ghràin a bhith air a leudachadh airson dèiligeadh ri eucoir co-cheangailte ri gnè neo aois.

Mhol e cuideachd laghan eucoir ghràin na h-Alba air fad a tharraing còmhla agus aon phìos reachdais a dhèanamh.