Là trang an Cupa na Camanachd

Cupa na Camanachd

Tha dùil ri là mòr san iomain Disathairne is na sgiobaidhean mòra a' dol an sàs ann an Cupa na Camanachd.

Thèid Baile Ùr an t-Slèibh, a tha ag amas air a' chupa a bhuannachadh 'son na treas bliadhna ann an sreath, a Dhrochaid an Aonachain a chluiche Loch Abair.

Às dèidh toiseach-tòiseachaidh rudeigin slaodach tha am Baile Ùr air teasachadh anns na seachdainean mu dheireadh.

Chuir iad 7 seachad air na Sgitheanaich is rinn iad a' chùis an uairsin air an rathad an aghaidh Lòbhait is Cheann Loch Seile, an dà sgioba a th' aig mullach na Prìomh Lìge.

Dùbhlan

A h-uile coltas ann gu bheil spionnadh air fhàgail ann an casan a' Bhaile Ùir fhathast, is bidh iad dòchasach air adhartas a dhèanamh an aghaidh nan Abrach.

Bidh Ceann Loch Seile fhèin ag amas air faighinn seachad air a' chall sin an aghaidh a' Bhaile Ùir - a' chiad turas a bha iad air call ann am bliadhna - nuair a thig Camanachd an Òbain dhan Chlachan Aillseach.

Dùbhlan a bhios ann is sgioba an Òbain iad fhèin gun chall anns na 7 geamaichean mu dheireadh aca.

Bidh Camanachd an Eilein Sgitheanaich ann an sunnd às dèidh dhaibhsan buannachadh 'son a' chiad uair air an t-seusan an t-seachdain seo chaidh, 3-2 an aghaidh Ghleann Urchadain.

Misneachd

Cha robh an taghadh ro fhàbharach dhaibh is Lòbhat a' dol a Phort Rìgh.

Tha Lòbhat mar-thà air buannachadh 2 thuras aig Pàirc nan Laoch am-bliadhna. Bha na geamaichean sin faisg ge-tà, is eadar sin is a' bhuaidh a bh' aca an aghaidh a' Ghlinne, bidh na h-eileanaich an dòchas gun gabh an ceòl a chur air feadh na fìdhle Disathairne.

Tha Gleann Urchadain fhèin a' cur fàilte air Caol Bhòid Disathairne.

Coltas geama inntinneach air sin, ach le eòlas is eachdraidh sgioba Thaigh na Bruaich ann an Cupa na Camanachd, bidh iadsan an dùil is an dòchas a bhith san ath-chuairt aig deireadh an fheasgair.

Togail

Anns na geamaichean eile an Cupa na Camanachd Disathairne, bidh Eilean Bhòid aig an taigh an aghaidh na Manachainn, cuiridh an Gearasdan fàilte air Celtic an Òbain, is bidh Inbhir Aora an aghaidh Chill Mhàillidh.

Tha aona gheama sa Phrìomh Lìog is Cabair Fèidh a' dol a Cheann a' Ghiuthsaich.

Ann an Lìog Tuath 2 tha Camanachd Leòdhais air an rathad is iad a' cluich Inbhir Nis aig Pàirc a' Bhucht.

Bha na Leòdhasaich co-ionnan san 2 gheama aca aig an taigh sa Chèitean is bidh iad ag amas air togail air sin sa bhaile mhòr Disathairne.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile