Fear-caidheig air bàsachadh

Caidheag air Abhainn Teimhil Image copyright Alastair Seagroatt
Image caption Bidh mòran luchd-caidheig a' cleachdadh na h-aibhne (Dealbh on tasglann).

Dh'inns na Poilis gun do chaochail fear-caidheig, 50 bliadhna de dh'aois, às dèidh tubaiste ann an abhainn ann an Siorrachd Pheairt.

Chaidh na seirbheisean èiginn a ghairm gu Abhainn Teimhil faisg air Baile Chloichridh feasgar Didòmhnaich, agus an duine ann an trioblaid san uisge.

Bha e còmhla ri buidhinn bho Chluba Caidheig Dhùn Èideann faisg air Dama Chluainidh.

Chaidh a thoirt a dh'Ospadal Rìoghail Obar Dheathain, far an do bhàsaich e.