Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

4 An t-Ogmhìos 2018 Ùraichte aig Ùraichte aig

MI5

Bidh an t-seirbheis thèarainteachd MI5 a' sgaoileadh agus a' roinn fiosrachaidh a bha dìomhair gu ruige seo mu fheadhainn aig a bheil taobh ri ceannairc. Tha clàr aig MI5 an-dràsta air a bheil 20,000 duine den t-seòrsa sin. Bidh Rùnaire na Dùthcha, Sajid Javid, a' foillseachadh a' phlana an-diugh mar phàirt de dh'atharrachadh anns an iomairt an aghaidh cheannairc.

Tùr Ghrenfell

Thuirt luchd-iomairt gur e ceum air an t-slighe fhada gu ceartas a th' anns an earrainn as ùire de rannsachadh Theine Ghrenfell, a tha a' tòiseachadh an-diugh. Bidh an rannsachadh a' gabhail fianais mu adhbharan an teine, anns an do chaill 72 dhuine am beatha. Thuirt Grenfell United, a' bhuidheann às leth na thàinig beò às an teine, gu bheil iad an dòchas gun tig an fhìrinn a-mach, agus gum bi atharrachadh ann air poileasaidh an dèidh sin.

An Speedwell

Tha rannsachadh FAI a' tòiseachadh aig Cùirt an t-Siorraidh anns an Òban an-diugh mu dhol fodha a' bhàt-iasgaich Speedwell far Eilein Èisdeil ann an Earra-Ghàidheal bho chionn còig bliadhna. Cha robh ach aon duine, Scott MacAlasdair, air bòrd, agus cha d' fhuaireas riamh a chorp.

Donnchadh Sim

Chaidh fios air teaghlach oileanaich a chaidh a dhìth ann am Fìobha bho chionn còrr is dà mhìos gun d' fhuaireas corp. 'S ann am meadhan a' Mhàirt a chaidh Donnchadh Sim, a bha 19 's a bhuineadh dha na Crìochan, fhaicinn mu dheireadh. Bha e na oileanach ann an Cille Rìmhinn, agus thuirt poilis gun d' fhuair iad corp air an tràigh an sin an-raoir. Cha deach aithne fhoirmeil a dhèanamh air an dust fhathast.

Biadh Sgoile

Thòisich co-chomhairle phoblach air plana Riaghaltas na h-Alba airson biadh nas fhalaine sna sgoiltean mar dhòigh air dèiligeadh ri reamhrachd am measg cloinne. Tha an Riaghaltas ag ràdh gum bi tuilleadh mheasan is ghlasraich ann am biadh sgoile, nas lugha de shiucair, agus nas lugha de dh'fheòil air a giollachd.

Luchd-ionnsachaidh Dràibhidh

Faodaidh bho an-diugh feadhainn a tha ag ionnsachadh dràibhidh leasannan a ghabhail air na motorways an Alba, an Sasainn agus sa Chuimrigh cho fad 's gu bheil neach-oideachaidh oifigeil còmhla riutha. Tha dòchas ann leis an atharrachadh seo gum bi dràibhearan air ullachadh nas fheàrr airson dràibheadh air motorways aon uair 's gum faigh iad làn-chead dràibhidh.