Togalaichean "grannda" gan ath-leasachadh

Sràid na Drochaid Image copyright Google

Dh'fhaodadh gun tig cruth-atharrachadh air meadhan bhaile Inbhir Nis, agus Comhairle na Gàidhealtachd air planaichean fhoillseachadh airson ath-leasachadh a thoirt air buidheann de thogalaichean a thathas a' meas "gu h-iongantach grannda".

Chaidh na blocaichean oifis concreit a thogail anns na 1950an is 60an ri taobh Abhainn Nis.

Tha a' Chomhairle a-niste a' ceannach na làraich, agus tha dùil gun cum iad co-chomhairle phoblach air na thèid a dhèanamh leis.

Thuirt an sgrìobhadair siubhail Aimeireaganach, Bill Bryson, gun robh na togalaichean air Sràid na Drochaid "sensationally ugly".

Bha Rùnaire na h-Eaconomaidh Dùthchail Fearghas Ewing an làthair agus a' Chomhairle a' foillseachadh nam planaichean, agus thuirt esan gur e "glè bheag de charaidean" a th' aig na togalaichean.

Cuiridh Riaghaltas na h-Alba maoineachadh, tro Aonta Baile agus Roinneil Inbhir Nis, mu choinneimh a bhith a' ceannach na làraich, a dh'fhaodadh suas ri £10m a chosg.

Thuirt ceannard na Comhairle, Mairead NicDhàibhidh, gun deadh an obair-leasachaidh air adhart thairis air mu 10 bliadhna.