Seirbheis-adhair luach £36m don Eilean

Raon-laighe Aiseig

Thèid buidheann-obrach a chur air bhonn airson seirbheisean adhair a stèidheachadh a-rithist a-mach às an Eilean Sgitheanach.

Tha a' bhuidheann còmhdhail phoblaich Hitrans a' measadh an fhiach seirbheis eadar Raon-laighe Aiseig faisg air an Ath Leathann agus meadhan na h-Alba.

Tha 30 bliadhna ann bho sguir Loganair den t-seirbheis mu dheireadh às an eilean, ach rinn sgrùdadh tomhas gun cuireadh seirbheis-adhair, thairis air 30 bliadhna, £36m air a' char as lugha ri eaconomaidh na sgìre.