Dè ghabhas ionnsachadh bho na h-Eileananan Fàrach?

Faroe Islands

Tha Comhairle nan Eilean Siar a' beachdachadh air buidheann a chur dha na h-Eileanan Fàrach a dh' fhaicinn dè ghabhas ionnsachadh mu mar a tha cùisean ag obair an sin.

Tha a dhà uidhir de dhaoine a' fuireach anns na h-Eileanan Fàrach sa tha anns na h-Eileanan Siar.

Tha na h-Eileanan Fàrach gu math adhartach a thaobh cheangalaichean conaltraidh agus còmhdhail.

Tha BP nan Eilean Siar, Aonghas Brianan MacNìll, air a bith a' brosnachadh càirdeas eadar an dà sgìre.

''Chan eil an t-airgead na thrioblaid sam bith, tha iad ann an suidheachadh nas fheàrr na an Danmhairg, ged a tha iad a' faighinn beagan airgid bhon Danmhairg,'' thuirt e.

Barrachd fèin-riaghlaidh

''Aon dha na rudan a chì daoine nuair a bhios iad a' dol dha na h-eileanan sin, gu bheil barrachd fèin-riaghladh aca na th' againn ann an Alba gu lèir.

''Tha sin a' dèanamh diofar mòr mòr air mar a tha iad a' faicinn rudan.

''Tha iad os cionn siognailichean fòn-làimhe, chan fheum iad a dhol gu Copenhagen airson cead iarraidh mar a dh' fheumadh sinne a dhol gu Westminster nuair a tha sinn ag iarraidh rudan atharrachadh.

''Tha sinn ceangailte an uairsin a thaobh dealain agus na riaghailtean aig Ofgem.

''Chan eil an leithid sin de cheangail aig na h-Eileanan Fàrach, tha cothrom aig an riaghaltas aca gluasad gu math luath agus laghan atharrachadh gu feumalachdan agus gu maith na tha dhìth a th' orra,'' thuirt e.