25 bliadhna de bhàta-teasairginn Cheasaig a Tuath

Kessock RNLI Image copyright Kessock RNLI
Image caption Tha an sgioba air dèiligeadh ri 700 gairm bho 1993

Tha sgioba an RNLI ann an Ceasag a Tuath a' comharrachadh 25 bliadhna bho chaidh a stèidheachadh.

Thòisich an sgioba air a' 5mh là den Òg-Mhìos 1993, 's an t-seirbheis ann an toiseach tron t-Samhradh a-mhàin, agus gun chomas aca a dhol a-mach ach le solas an là.

Cha b' fhada ge-tà, gus an robh i a' dol fad na bliadhna.

Iomairtean-teasairginn

Bhon uair sin, chaidh am bàta-teasairginn aca gu muir 700 turas, chaidh cobhair a dhèanamh air 320 duine agus shàbhail iad beatha 36 duine.

Chaidh stèisean RNLI a chur air dòigh ann an Ceasag a Tuath ann an 2001.

Tha 25 duine ag obair dhan sgioba gu saor-thoileach - cuid dhiubh a tha ag obair aig muir 's cuid nach eil.

Thuirt fear den chriutha, Dan Holland, a th' air a bhith ag obair dhan sgioba gu saor-thoileach fad 11 bliadhna, gu bheil fìor dheagh spiorad am measg na sgioba agus gu bheil moit aca anns an obair a tha iad a' dèanamh.