Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

5 An t-Ogmhìos 2018 Ùraichte aig Ùraichte aig

RBS

Reic an Riaghaltas pàirt eile de an earrainn ann am Banca Rìoghail na h-Alba air call còrr is £2bn. Thuirt an Seansalair Philip Hammond gur e ceum mòr eile a th' ann gu ruige RBS a chur air ais dhan roinn phrìobhaidich an dèidh cobhair na stàite bho chionn deich bliadhna. Tha na Làbaraich ag ràdh nach robh adhbhar math sam bith ann na h-earrainnean a reic air call cho mòr.

Heathrow

Tha làn-dùil gun cuir ministearan an Riaghaltais an taic ris a' phlana chonnspaideach airson treas raon-laighe aig Port-Adhair Heathrow an dèidh bhliadhnaichean de dh'argamaid agus maill. Thèid iarraidh an dèidh sin air Buill-Phàrlamaid bhòtadh air a' chùis an ceann beagan sheachdainnean.

Aig an dearbh àm tha tè a bha na ministear ann an Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte ag ràdh gun cuir an raon-laighe ùr cosgais air muinntir na h-Alba, agus gum biodh e na b' fheàrr an t-airgead a chosg air seirbheisean adhair Albannach. Tha Justine Greening, a tha an aghaidh leudachaidh aig Heathrow, ag ràdh gum bi feadhainn de na seirbheisean às Alba nach bi air chomas farpais airson àite laighe aig Heathrow an dèidh seo. Tha Riaghaltas na h-Alba ag ràdh gum bi an treas raon-laighe math do dh'eaconomaidh na h-Alba.

Guatamàla

Tha na ficheadan dhaoine fhathast a dhìth ann an Guatamàla an dèidh bholcàno a spreadhadh an sin. Tha dearbhadh ann gun deach 69 a mharbhadh. Tha oifigearn san sgìre ag ràdh ge-tà, gu bheil am bholcàno, Fuego, air socrachadh.

Teine

Rinn teine milleadh air sgoil ann an ceann a deas Shiorrachd Àir. Bidh Bun-Sgoil Bhaile na Tràghad dùinte a' chiad ghreis, 's tha oifigearan foghlaim a' coinneachadh an-diugh a dheasbad càite an cuir iad an clann gus am fosgail i a-rithist.

Inbhir Nis

Nì Comhairle na Gàidhealtachd co-chomhairle phoblach mus tèid co-dhùnadh dè nì iad le làrach faisg air Caisteal Inbhir Nis. Ceannaichidh a' Chomhairle na togalaichean concreit ri taobh na h-aibhne tro Aonta Baile agus Roinneil Inbhir Nis.

Machair a' Chùil

'S tha Comhairle na Gàidhealtachd a' beachdachadh an-diugh air plana connspaideach airson raon-goilf ùr faisg air Dòrnach. Dh'iarr oifigearan dealbhachaidh air buill cead a dhiùltadh do leasachadh Links a' Chùil ann an Eurabol. Tha iad ag ràdh gun toireadh an raon droch bhuaidh air an àrainneachd, agus gu bheil e an aghaidh plana leasachaidh na sgìre.