Cùis Ghleann Dotha a' dol dhan Phrìomh Chùirt

Sgeama Ghleann Dotha Image copyright SSE

Thèid eas-aonta mu mar a thuit tunail ann an sgeama haidro gu Prìomh Chùirt na Rìoghachd Aonaichte.

Chaidh sgeama Ghleann Dotha, faisg air Cille Chuimein, fhosgladh gu h-oifigeil leis a' Bhanrìgh san Ògmhìos 2009.

Chosg an leasachadh £140m.

Maoim-cloiche

Ach gun ach dà mhìos às dèidh dhan Bhanrìgh an ribean a ghearradh, dhùin an sgeama nuair a thuit tunail.

Thuirt a' chompanaidh a thog an tunail, Hochtief, nach robh dleasdanas orrasan pàigheadh airson an obair a dhèanamh às ùr.

Chaidh companaidh eile a thoirt a-steach ach cha do dh'fhosgail an sgeama a-rithist gu 2012.

Buaireadh

Nas tràithe am-bliadhna, fhuair britheamhan gum bu chòir do Hochtief airgead-dìolaidh £100m a thoirt do SSE Generation.

'S e ath-thagradh bho SSE a bha sin is am Morair Woolman air riaghladh roimhe nach bu chòir Hochtief ach £1m a phàigheadh.

Tha Hochtief fhèin a-nise air cead fhaighinn ath-thagradh a dhèanamh is thèid a' chùis dhan Phrìomh Chùirt.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Timcheall a' BhBC