Ceasnachadh air CalMac

An MV Clansman Image copyright Dales Marine Services
Image caption Thug trioblaidean leis a' Chlansman buaidh air grunn sheirbheisean aiseig eile.

Iarraidh Comhairle nan Eilean Siar freagairtean bho ChalMac aig coinneimh de Bhuidhinn Luchd-Cleachdaidh nan Aiseagan ann am Beinn nam Fadhla Diardaoin.

Bidh Cathraiche na Còmhdhail, Uisdean Robasdan, gu h-àraidh airson faighinn a-mach cuin a bhios am bàt'-aiseig ùr, an MV Glen Sannox, a tha ga thogail an-dràsta, ann an seirbheis.

Thuirt e gum bi iad a' cur fa chomhair ChalMac mar a tha trioblaidean le na h-aiseagan bho chionn ghoirid air buaidh a thoirt air na h-Eileanan.

"Tha sinn a' cumail oirnn a' feuchainn co-dhiù ri toirt orra faicinn nan duilgheadasan a tha sinn air fulaing anns na beagan mhìosan a chaidh seachad airson gum faigh sinn misneachd gu bheil iad a' tuigsinn sin".

Ceistean cruaidh

Tha e an dòchas gum bi àrd-riochdairean na companaidh, bho CMAL agus bho Chòmhdhail Alba, aig a' choinneimh gus am faigh iad air ceistean a chur orra.

"Tha ceistean duilich aca ri fhreagairt agus tha mi a' smaoineachadh gu bheil e cudromach gu leòr gum biodh na h-àrd-dhaoine aig na buidhnean sin an làthair".

Tha CalMac ag ràdh gu bheil iad an dòchas gun tig piseach air seirbheisean nuair a bhios an dà bhàt'-aiseig ùr aca ann an seirbheis - ach tha Mgr Robasdan ag ràdh nach eil e idir soilleir cuin a bhios sin.

"Tha sinn air a bhith a' feuchainn ri fhaighinn a-mach bho chionn grunn mhìosan cuin a bhios a' chiad aiseag - an Glen Sannox - air an t-slighe - chan eil teagamh ann nuair a thig a' chiad tè air an t-slighe gu bheil sin a' dol a dhèanamh cuideachadh air choireigin ach, aig an ìre seo, chan eil duine airson a ràdh dè na clàran-ama a th' ann".

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile