Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

6 An t-Ogmhìos 2018 Ùraichte aig Ùraichte aig

Brexit

Chuir Rùnaire Bhrexit nan Làbarach, Sir Keir Starmer, dìon air seasamh a' phàrtaidh air Brexit. Tha na Làbaraich a-niste a' moladh atharrachaidh san reachdas a thèid gu bhòt ann an Taigh nan Cumantan an ath-sheachdain, a bheireadh air an Riaghaltas làn-àite iarraidh ann am Margaidh Shingilte an Aonaidh Eòrpaich. Ach tha buill Làbarach a dh'iarradh fuireach anns an EU ag ràdh nach eil sin a' dol fada gu leòr, agus iadsan a' cur taic ri atharrachadh a dh'iarr na Morairean a bhiodh a' ciallachadh gluasad gun smachd do dhaoine agus bathair.

Daoine Gèidh

Tha làn-dùil gun gabh Pàrlamaid na h-Alba an-diugh ri lagh a bheir mathanas do dhaoine gèidh agus dà-sheòrsach a chaidh a dhìteadh airson eucoir feise nach eil mì-laghail tuilleadh. 'S ann an 1981 a dh'atharraich an lagh an Alba a' ceadachadh feise eadar fir nas sine na 21, agus chaidh sin ìsleachadh gu 16 ann an 2001.

TSB

Tillidh ceannard TSB, Paul Pester, a thoirt fianais do Bhuill-Phàrlamaid airson an dàrna turais, agus dragh ann mun dòigh san do làimhsich TSB fàiligeadh ann an siostam coimpiutair a' bhanca sa Ghiblean. Tha Ùghdarras Giùlain an Ionmhais a' rannsachadh na cùise a dh'fhàg cha mhòr dà mhillean den luchd-cleachdaidh às aonais sheirbheisean air-loidhne.

Guatamàla

Tha oifigich ann an Guatamàla ag ràdh gu bheil faisg air 200 duine fhathast a dhìth an dèidh spreadhaidhean bholcàno. Tha dearbhadh ann gun do chaill 75 duine am beatha.

Bile nan Eilean

Thuirt Aonadh nan Tuathanach gum feum aithne a bhith ann am Bile nan Eilean gur e tuathanas agus croitearachd bun-stèidh eaconomaidh mòran de na h-eileanan. Agus tha an t-aonadh ag ràdh gu bheil seirbheisean aiseig ceart "fìor chudromach" dhan ghnìomhachas.

Baile Ciùird Cruinne

Chaidh inbhe mar Bhaile Ciùird Cruinne a bhuileachadh air na h-Eileanan an Iar airson gnìomhachas a' Chlò Hearaich. Thuirt Comhairle Ciùird na Cruinne gur aithne dhaibh nach e baile san t-seagh sin a tha anns na h-Eileanan, ach gu bheil an sgìre, a dh'aindeoin sin, airidh air an duais. 'S iad na h-Eileanan an Iar a' chiad àite ann am Breatainn a fhuair an inbhe seo, agus an dàrna h-àite air feadh na h-Eòrpa.

Dachaigh Cùraim

Chaidh innse do dhachaigh do sheann daoine ann an Inbhir Nis nach eil an cùram a tha iad a' toirt seachad math gu leòr. Thuirt luchd-sgrùdaidh gu bheil trì roinnean gu h-àraid aig Dachaigh Chùraim Fairfield feumach air leasachadh, agus gum bi iad a' tilleadh an sin a-rithist a dh'aithghearr a dh'fhaicinn am bi cùisean dad nas fheàrr.