Taigheadas na Gàidhealtachd ga dheasbad aig Holyrood

  • Air fhoillseachadh
An t-Eilean Sgitheanach

Thèid gainnead thaighean aig prìsean reusanta air a' Ghàidhealtachd a thogail am Pàrlamaid na h-Alba Diardaoin.

Cuiridh BPA an Eilein Sgitheanaich, Loch Abair is Bhàideanach, Ceit Fhoirbeis, ceist air adhart is i gus faighneachd dha Riaghaltas na h-Alba dè tha iad a' dèanamh mun chùis.

Chan e trioblaid ùr a th' ann an dìth thaighean aig prìsean reusanta, ach tha faireachdainn ann gu bheil fàs ann an gnìomhachas na turasachd is taighean samhraidh is taighean air màl do luchd-turais air cur ris.

Sheall aithisg ùr bho Chomhairle na Gàidhealtachd gu bheil suidheachadh le daoine gun dachaigh san Eilean Sgitheanach a' fàs nas miosa.

Ged a tha Riaghaltas na h-Alba air cur rompha 50,000 taigh ùr aig prìs reusanta a thogail ro 2021, is dearbhadh air 200 taigh ùr san Eilean Sgitheanach is Loch Aillse, tha am BPA Fhoirbeis ag ràdh gu bheil feum air barrachd.

Fo-thiotal a’ bhidio,

Agallamh le Ceit Fhoirbeis.

"Tha taigheadas cho cudromach ris a h-uile càil eile air a' Ghàidhealtachd - obraichean, foghlam is fiù 's seirbheisean slàinte.

"Tha fios againn gu bheil tòrr rudan a' tachairt air a' Ghàidhealtachd a thaobh turasachd is rudan eile, ach aig a' cheann thall, mura h-eil na taighean ann, cha bhi obraichean ann", thuirt i.

Bha deasbad poblach ann mu thaigheadas air a' Ghàidhealtachd bho chionn dà bhliadhna às dèidh dha ailtire san Eilean Sgitheanach a bheachdan mun ghnothach a sgaoileadh air na meadhanan sòisealta.

Thuirt Alasdair Stephen, a bha na thagraiche dhan SNP air a' Ghàidhealtachd, gu bheil cùis èiginn ann le taigheadas ann an sgìrean dùthchail na h-Alba, is gu bheil suidheachadh "do-dhèante" ann do dh'òigridh.

Thuirt e gu bheil feum air dòighean smaoineachaidh raidigeach is dh'iarr e air Prìomh Mhinistear na h-Alba fhèin a dhol an sàs gus smachd fhaighinn air an t-suidheachadh.