Nis sa chuairt dheireannaich

  • Air fhoillseachadh
Na Còig Peighinnean

Tha Nis troimhe dhan chuairt dheireannaich de Chupa Jock Stein far an cluich iad an Taobh Siar.

Rinn na Nisich an gnothach air Càrlabhagh 3-1 aig na Còig Peighinnean oidhche Chiadain.

'S e Càrlabhagh a chaidh air thoiseach, Eachan Miller leis an tadhal às dèidh breab-oisne.

Sin mar a bha cùisean aig leathach-slighe.

'S e Micheal Russell Mac a' Ghobhainn an rionnag a bh' ann do Nis san dàrna leth.

Chuir e breab-peanais às dèidh uair de thìde, is an uairsin breab-saor àlainn.

Chuir e an uairsin crìoch air fìor dheagh oidhche dha Nis leis an treas tadhal anns na mionaidean mu dheireadh.

Bha an Taobh Siar mar-thà air a' chùis a dhèanamh air an Rubha 2-1 oidhche Luain san iar-chuairt dheireannaich eile.

Bidh a' chuairt dheireannach ann Dihaoine an 29mh den Ògmhìos.