Taghadh ga mholadh aig Sealladh na Beinne Mòire

Uibhist a Deas Image copyright Catherine Morgan/Geograph

Chaidh moladh do bhuill bhòrd-stiùiridh uachdarain choimhearsnachd Uibhist a Deas na dreuchdan aca a leigeil dhiubh agus taghaidhean ùra a chumail.

Tha seo a' leantainn air coinneimh shradagaich a chaidh a chumail air a' mhìos a chaidh am measg ghearainean mu gainnead shoilleireachaidh aig Sealladh na Beinne Mòire.

Chaidh a' choinneamh a chumail às dèidh do chòrr is 200 duine an ainmean a chur ri ath-chuinge ag iarraidh barrachd fhiosrachaidh agus soilleireachd bhon uachdaran coimhearsnachd.

Ann an litir a chaidh a-mach gu gach ball den bhòrd-stiùiridh, tha cathraiche na companaidh coimhearsnachd, Aonghas Mac Ille Mhaoil, ag ràdh gu bheil an càineadh agus mì-rùn a tha a' cuairteachadh stiùirichean, luchd-obrach agus amasan Sealladh na Beinne Mòire agus Stòras Uibhist air ìre a ruighinn far am feumar cothrom a thoirt do mhuinntir na h-oighreachd taghadh às ùr a dhèanamh mu cò a tha iad ag iarraidh air a' bhòrd.

Earbsa

Tha Mgr Mac Ille Mhaoil ag ràdh, na bheachd-san, gur e sin an aon dòigh anns an tèid aig a' bhòrd air creideas agus earbsa dhaoine fhaighinn air ais.

Anns an litir aige, thuirt Mgr Mac Ille Mhaoil gun do sheall a' choinneamh dha gur e an aon dòigh airson faighinn thairis air a' chomh-strì taghadh ùr a chumail.

Le sin, thuirt e gun robh e a' leigeil dheth a dhreuchd agus a' seasamh às ùr mar thagraiche.

Bhiodh aig Mgr Mac Ille Mhaoil seasamh sìos co-dhiù leis gu bheil an teirm aige tighinn gu crìch - mar a tha tachairt le gach stiùiriche ma tha'd air a bhith air a' bhòrd son 3 bliadhna.

Ma 'se is gun seas buill eile sìos, 's ma bha iad airson gun deadh an ath-thaghadh ro Choinneimh Bhliadhnail Sealladh na Beinne Mòire air an ath-mhìos, thuirt Mgr Mac Ille Mhaoil gum feumadh na bileagan tagraidh aca a bhith a-staigh ro mheadhan là Dihaoine 8mh Òg Mhìos.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile