Gealltanas mu fhoghlam Gàidhlig Dhùn Èideann

Àrd-sgoil Sheumais Ghilleasbaig
Image caption Bha dragh ann nach biodh àiteachan gu leòr ann an Àrd-sgoil Sheumais Ghilleasbaig ann an 2019

Chaidh gealltanas a thoirt do phàrantan ann an Dùn Èideann gum faigh sgoilearan Gàidhlig a tha a' fàgail na bun-sgoile uile àite ann an Àrd-sgoil Sheumais Ghilleasbaig an ath-bhliadhna.

Bha dragh air cuid de phàrantan nach tachradh sin le cho làn 's a tha an sgoil.

Nochd mì-thoileachas mòr roimhe nuair a chaidh moladh gun deadh cuid de sgoilearan bho Bhun-sgoil Taobh na Pàirce a chur gu Àrd-sgoil Tynecastle, seach gu Àrd-sgoil Sheumais Ghilleasbaig.

Rinn pàrantan strì làidir an aghaidh sin.

Tha a' Chomhairle cuideachd air buidheann-gnìomha a stèidheachadh airson coimhead ri cho làn 's a tha sgoiltean a' bhaile anns an fharsaingeachd, agus air àireamhan thidsearan am measg eile.

Chan eil anns a' ghealltanas mu sgoil Sheumais Ghilleasbaig an ath-bhliadhna ach freagairt eadar-amail gus an tèid co-dhùnadh a dhèanamh mu fhoghlam Gàidhilig anns a' bhaile anns an àm ri teachd.

Tha dùil ri aithisg bhon Chomhairle as t-Fhoghair a thaobh mar a ghabhas foghlam Gàidhlig anns a' bhaile a leudachadh, agus airson dèanamh cinnteach gun gabh an t-iarrtas bho phàrantan a choileanadh.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile