Timber
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Fiodh air an rèile

7 An t-Ogmhìos 2018 Ùraichte aig Ùraichte aig

Dh'fhaodadh gun tèid fiodh bho choilltean na Gàidhealtachd a ghiulainn air loidhnichean-rèile seach air làraidhean mòra.

Tha a' bhuidheann chomhdhail HiTrans a' rannsachadh na cùis an-dràsta.

Chan eil seo a' tachart ann an Alba ach ann an aon àite - bho mhuileann fhiodha BSW sa Chorpaich.

Thuirt HiTrans gum bi buannachd ann dhan ghnìomhachas agus nach tèid uidhir a chron a dhèanamh air rathaidean na Gàidhealtachd.

Tha Seonaidh MacCoinnich ag aithris.