Là trang san iomain

Caman

Tha là trang eile san iomain Disathairne le geamaichean chupa is lìge ann.

Coinnichidh Cabair Fèidh is Ceann a' Ghiuthsaich ann an Cupa na Camanachd ann an geama a chaidh a chur dheth an t-seachdain seo chaidh leis nach robh pàirc Chabers ri fhaighinn.

Dh'fhàg sin gun do chluich na sgiobaidhean geama lìge ann an Ceann a' Ghiuthsaich is sgioba Bhàideanach a' buannachadh 4-1.

Air ais ann an Srath Pheofhair ge-tà, bidh dùil ri geama nas fhaisge.

Thèid an taghadh 'son na h-ath chuairt de Chupa na Camanachd a dhèanamh Disathairne cuideachd aig Fèis Oban Live.

Tha geama mòr aig mullach na Prìomh Lìge is Baile Ùr an t-Slèibh a' cur fàilte air Lòbhat.

Teann

Tha an dà sgioba air tòir Cheann Loch Seile aig a' mhullach is bidh iad leisg dad a leigeil seachad an seo, ged a bhios am Baile Ùr cuideachd le sùil air cuairt dheireannach Chupa MhicThàmhais an ath-sheachdain.

Bidh is Ceann Loch Seile fhèin is iadsan a' siubhail a chluiche Gleann Urchadain sa Phrìomh Lìog Disathairne.

Tha an aona gheama eile sa Phrìomh Lìog ann an Dùn Omhain far an tèid Caol Bhòid an aghaidh Loch Abair.

Ann an Lìog Tuath 2 bidh Camanachd Leòdhais ag amas air barrachd eachdraidh a dhèanamh.

Rinn na Leòdhasaich a' chùis air Inbhir Nis 3-0 an t-seachdain seo chaidh is iad a' dol 3 geamaichean gun chall 'son a' chiad uair a-riamh.

Tha cothrom aca an t-sreath sin a leudachadh gu 4 nuair a thig Cabair Fèidh a Shiabost Disathairne.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile