Fireannach a dhìth ann an Astràilia

Daniel Buckner Image copyright Daniel Buckner Family
Image caption Tha Daniel Buckner a' siubhal ann an Astràilia

Tha teaghlach a tha a' fuireach anns an Eilean Sgitheanach ag ràdh nach eil sgeul aca air am mac a tha a' siubhal ann an Astràilia.

'S ann an Darwin a bha Daniel Buckner nuair a chuala a theaghlach bhuaithe mu dheireadh air an 21mh là den Chèitean.

Thuirt poilis Sgìre Tuath Astràilia gu bheil iad iomagaineach mu dheidhinn Mgr Buckner, a tha 28, 's tha iad air tagradh a dhèanamh airson fiosrachadh.

Sgaoil roinn poilis Loch Abar agus an Eilein Sgitheanaich tagradh air Twitter mar phàirt den iomairt sin.