An e Canaigh Hinba?

Canaigh Image copyright Geograph/Lisa Jarvis

Tha ceist air a bhith ann thar linntean mu càit an robh Eilean Hinba, far na chuir Colm Cille seachad tìde.

A-rèir chuid, 's ann air Hinba a thàinig e air tìr an Alba an toiseach mus deach e a dh'Eilean Ì.

Dè an t-eilean?

Tha cuid air beachdachadh gur e Eilean an Naoimh, Diùra, Orasaigh no Saoil Hinba, ach tha beachd ann cuideachd gur e Canaigh an t-eilean.

Chaidh am beachd sin a chluinntinn an Canaigh fhèin air an deireadh-sheachdain - air Là Naomh Choilm Chille - ann an òraid leis an Ollamh Rob Dunbar.

Fear Chanaigh

Thuirt an t-Oll Dunbar: "Bha Adomnán ann an eachdraidh an naoimh a-mach air eilean beag Hinba agus bha Iain Latharna Caimbeul - Fear Chanaigh - gu làidir dhen bheachd gur e Canaigh a th' ann an Hinba.

"Air sàilleibh sin, bha mi a' bruidhinn air cuid dhe na h-eileanan eile a dh'fhaodadh a bhith an t-Eilean Hinba, ach gu h-inntinneach ann an 2008 thàinig sgrùdadh ùr a-mach le tè mion eòlach air arc-eòlais agus bha ise am beachd cuideachd gur e Canaigh Hinba agus air sàilleibh sin, tha seansa ann gun robh Colm Cille an seo, agus a' fuireach an seo fad greis aig diofar amannan.

Ceanglaichean

"Tha mi a' smaoineachadh gu bheil na ceanglaichean ann agus gu bheil iad cuimseach làidir."

"Nuair a thàinig Naomh Choilm Chille a dh'Alba stèidhich e àite adhraidh Eilein Ì, ach goirid às dèidh sin, tha sinn a' cluinntinn mu dhà eilean a bharrachd a bha cudromach dha - Eilean Thiriodh ach cuideachd an t-eilean seo Hinba.

"Bho na làithean tràth ann an Alba, a-rèir choltais, bha cruinneachaidhean pearsachan eaglaise an seo ann an Hinba cho math ri Tiriodh, agus air sàilleibh sin, 's e àite gu math cudromach a bh' ann aig àm gu math tràth ann an eachdraidh Choilm Chille ann an Alba."