Mì-thoileachas mu phairceadh air an Tairbeart

Tairbeart na Hearadh Image copyright Undiscovered Scotland

Tha daoine air an Tairbeart sna Hearadh a' gearain mun t-suidheachadh a th' ann le pairceadh chàraichean sa bhaile.

Tha e coltach nach deach loidhnichean buidhe a chur an àite a-rithist bho chaidh uachdar ùr a chur air na rathaidean.

A-rèir feadhainn sa bhaile tha seo air trioblaidean adhbharachadh, gu h-àraidh le cho trang sa tha an t-àite le luchd-turais.

Thuirt Iain MacLeòid bho Chomhairle Coimhearsnachd Cheann a Tuath na Hearadh gun deach na loidhnichean buidhe air na rathaidean a thoirt air falbh nuair a chaidh na rathaidean a thearradh bho chionn beagan bhliadhnaichean.

''Tha trioblaid ann a-nis. Tha an sàmhradh a' fàs cho trang is tha leithid de chàraichean air an t-sràid, gu h-àraidh nuair a tha làraidhean a' dol gu na bùithtean.

''Tha càraichean an uairsin a' pairceadh air taobh eile an rathaid mhòir is chan fhaigh càraichean seachad.

''Tha an comhairliche a th' ann an-dràst' air bruidhinn ri Comhairle nan Eilean Siar, ach chan eil càil a' tachairt.

''Tha e gu math mì-fhortanach gu bheil leithid de luchd-turais ann.

Thuirt Comhairle nan Eilean Siar gun tòisich iad Dimàirt a' cur nan loidhnichean buidhe air ais air na sràidean is na rathaidean air an Tairbeart.