Àrdachadh air ìrean bàis nan uan

Uan

'S e 2018 a' bhliadhna as miosa a-riamh airson ìrean bàis uan, a-rèir figearan ùra bhon National Fallen Stock Company.

Thuirt iad gun do bhàsaich 250,000 uan air feadh na Rìoghachd Aonaichte am bliadhna.

Tha sin 30% nas àirde na an àireamh choitcheann.

Thug an droch shìde as t-Earrach agus gu h-àraidh cho fuar sa tha i air a bhith, buaidh air na beathaichean.

Thuirt NFU na h-Alba gu bheil na figearan seo a' dol le na tha tuathanaich air feadh na dùthcha air a bhith ag ràdh riutha.