Deasbad sa Phàrlamaid mu dhroga airson Cystic Fibrosis

Hannah NicDiarmaid Image copyright Iain Smith
Image caption Tha dragh air Hannah NicDiarmaid gur dòcha gum bi aice ri eilean a h-àraich fhàgail

Tha boireannach òg às an Eilean Sgitheanach ag ràdh gu bheil dragh oirre gum bi aice ris an eilean fhàgail mura faigh i an leigheas a tha a dhìth oirre.

Tha Hannah NicDiarmaid, 23, a' fulaing le Cystic Fibrosis agus feumaidh i a dhol gu Ospadal an Ràthaig Mhòir ann an Inbhir Nis gach dàrna mìos, agus nas trice na sin ma thig galar oirre co-cheangailte ris an tinneas aice.

Tha e duilich dhith a bhith siubhal a dh'Inbhir Nis seach nach urrainn dhith draibheadh astaran fada, agus tha i ag ràdh gu bheil a' chùis nas miosa buileach sa gheamhradh nuair a dh'fhaodas na rathaidean a bhith cunnartach.

Tha i a-nis a' ceasnachadh am bu chòir dhith gluasad nas fhaisge air an ospadal.

Orkambi

Tha dùil gum faodadh an droga Orkambi, nach eil ri fhaighinn anns an Rìoghachd Aonaichte an-dràsta, feum a dhèanamh dha mun dàrna leth de dhaoine air a bheil Cystic Fibrosis.

Tha Hannah NicDiarmaid ag ràdh gum bu chòir slàinte dhaoine a chur air thoiseach air a' chosgais.

"Tha iad ag ràdh gu bheil e ro dhaor - mòran airgid ann - tha e dìreach cho doirbh - 's ann mu dheidhinn daoine 's beatha a tha e - cha bu chòir dha a bhith mu dheidhinn airgid.''

Thèid ìmpidh a chur air an Riaghaltas an droga a thoirt seachad aig deasbad ann am Pàrlamaid na h-Alba feasgar.