Daniel Buckner air a lorg

Daniel Buckner Image copyright Daniel Buckner Family
Image caption Tha Daniel Buckner a' siubhal ann an Astràilia

Chaidh fireannach aig a ceangal teaghlaich ris an Eilean Sgitheanach a lorg slàn sàbhailte ann an Queensland ann an Astràilia.

Tha Daniel Buckner, 28, air a bhith a' siubhal anns an dùthaich ach chuir a theaghlach fios air na poilis seach nach robh iad air cluinntinn bhuaithe bho chionn trì seachdainnean.

Chuir Poileas Alba taic ris an iomairt gus lorg fhaighinn air.

Tha an teaghlach aige a' fuireach ann an Cùl nan Cnoc faisg air Stafainn.