Staran gu carragh-chuimhne na h-Iolaire

Obair air an staran
Image caption Bidh an staran nas goireasaiche do chiorramaich

Thòisich an obair gus staran a thogail gu carragh-chuimhne na h-Iolaire 's e gu bhith nas goireasaiche do chiorramaich.

Tha dùil gun toir an obair, a chosgas £170,000, mu ochd seachdainnean.

Bidh ceud bliadhna ann air Là na Bliadhn' Ùire ann an 1919 bho thachair an tubaist anns an deach 201 duine a chall.

Tha grunn thachartasan a' gabhail àite am bliadhna airson ceann-bliadhna na tubaiste a chomharrachadh.

Tuilleadh air an sgeulachd seo