Co-chomhairle nan taighean-beaga

Slighe an North Coast 500
Image caption Bha dragh ann mun bhuaidh a bheireadh cion thaighean-beaga poblach air luchd-turais

Tha fàilte ga cur air an naidheachd gun leudaich Comhairle na Gàidhealtachd a' cho-chomhairle aca mu bhith a' dùnadh grunn thaighean-beaga poblach.

Cha tig a' cho-chomhairle gu ceann a-nis gu deireadh an Dàmhair - sin dà mhìos nas fhaide na bha dùil.

Nochd dragh mòr mu na planaichean fon deadh suas ri aon às gach trì den na taighean-poblach anns an sgìre a dhunadh air fad neo tron gheamhradh.

Bhiodh sin air còrr air £300,000 a shàbhaladh dhan Chomhairle.

Thuirt Ceannard Buidseit na Comhairle, Alasdair MacFhionghain, gun do leudaich iad a' cho-chomhairle às dèidh dhaibh beachdan fhaighinn bho bhuidhnean mar an North Coast 500.

Thuirt e cuideachd gun robh iad a' coimhead ri sgeama iasaid a chur air dòigh a leigeadh le coimhearsnachdan na taighean-beaga a ghabhail os làimh iad fhèin.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile