Tairgse £2.1bn airson LifeScan

LifeScan Scotland Image copyright Google
Image caption Tha LifeScan a' cumail cosnaidh ri mu 1,100 duine ann an Inbhir Nis

Tha Johnson & Johnson, dham buin Lifescan, air gabhail ri tairgse luach £2.1bn bhon chompanaidh Platinum Equity, a tha stèidhichte ann an Los Angeles.

Tha LifeScan a' cumail cosnaidh ri mu 1,100 duine ann an Inbhir Nis 's iad a' dèanamh uidheamachd do dhaoine le tinneas an t-siucair.

Bha dragh ann an-uiridh gum faodadh obraichean falbh nuair a thuirt Johnson & Johnson gun robh iad a' dèanamh ath-sgrùdaidh air an obair aca.

Tuilleadh air an sgeulachd seo