Sgrùdadh tubaist heileacoptair a' tòiseachadh

Heileacoptair san loch

Tha sgioba bho Mheur Rannsachaidh nan Tubaistean Adhair (AAIB) ann an Uibhist a Tuath a' rannsachadh na tubaist anns an do chaill duine a bheatha nuair a thuit heileacoptair gu loch san eilean.

Chuirear fios air na seirbheisean èiginn aig 10:15m is heileacoptair air a dhol dhan uisge ann an Loch Sgadabhaigh faisg air an rathad eadar Loch na Madadh agus an Cladach.

'S ann leis a' chompanaidh PDG Aviation a tha an heileacoptair AS350 Squirrel.

Bha e ag obair dha tuathanas èisg sa sgìre agus a' giulain uidheamachd nuair a thachair an tubaist.

Bidh a' chompanaidh gu math tric ag obair do thuathanasan èisg air feadh nan eilean agus a' chost an iar agus bidh iad a' giùlain èisg òg agus uidheamachd bho làraich gu làraich.

Co-fhaireachdainn

Thuirt PDG Aviation, a tha stèidhichte ann an Inbhir Nis agus ann an Glaschu, gun cuidicheadh iad leis an rannsachadh airson dearbhadh fhaighinn air dè dha-rìribh a thachair.

Thòisich an AAIB an sgrùdadh aca Diardaoin agus tha dùil gum mair an obair sin mìosan.

Cha deach am pìleat, aois 58, ainmeachadh le Poilis Alba fhathast.

Thuirt an t-Àrd-Inspeactair Ian Graham gun deach fios a chur gu teaghlach an duine 's gun robh co-fhaireachdainn aca dhaibhsan agus dhan choimhearsnachd ionadail.

Tuilleadh air an sgeulachd seo