Stoirm Eachann a' toirt buaidh

Car poilis Image copyright Police Scotland
Image caption Chaidh grunn rathaidean a dhùnadh an dèidh do chraobhan tuiteam.

Tha Stoirm Eachann, le uspagan gaoithe de suas ri 70 msu, a' toirt buaidh air còmhdhail air feadh na dùthcha

Dh'fhoillsich Oifis na Sìde rabhadh buidhe do dhaoine a bhith "mothachail" gu bheil dùil ri gèiltean suas gu 15:00f.

Chaidh grunn sheirbheisean aiseig a chur dheth agus tha dàil air a bhith air trèanaichean an dèidh do loidhnichean dealain agus craobhan tuiteam air na loidhnichean rèile.

Chuir CalMac grunn dha na seirbheisean aca dheth, nam measg na seòlaidhean eadar an t-Òban agus Bàgh a' Chaisteil agus eadar Malaig agus Loch Baghasdail.

Bidh seirbheisean Chaolas Bharraigh dheth 'son a chòrr dhen latha cuideachd.

Chuir Northlink na seirbheisean feasgair acasan eadar Sgrabastair agus Stromness dheth agus cha bhi seirbheisean ann tron latha aig Pentland Ferries eadar Bàgh Gills agus St Margaret's Hope.

Chuirear ìmpidh air luchd-siubhail sùil a thoirt air làraich-lìn nan companaidhean aiseig agus rèile airson an fhiosrachaidh às ùire.

Dhùin Drochaid Dhòrnaich do charbadan àrda.

Thuirt Aidean McGivern bho Oifis na Sìde gun gluaiseadh a' ghaoth làidir gu sear.

"Tha dùil ri tuilleadh uisge ann an Alba mus fhàs i nas soilleire madainn Dihaoine," thuirt e.