Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

14 An t-Ogmhìos 2018 Ùraichte aig Ùraichte aig

SNP

Thuirt ceannard an SNP aig Westminster, Ian Blackford, gur dòcha gur ann air Bile na Malairt a bhios iad ag amas san ath cheum san iomairt an aghaidh mar a tha Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte a' làimhseachadh Brexit. Choisich buill an SNP a-mach à Taigh nan Comantan an-dè an dèidh argamaid eadar Mgr Blackford agus Labhraiche an Taighe mun ùine a fhuair deasbad air buaidh Bile Bhrexit air fèin-riaghladh. Thuirt Mgr Blackford nach bidh buill an SNP a' coiseachd a-mach an-diugh.

Cunnradh Sewell

Bheir Rùnaire na h-Alba, Daibhidh Mundell, fiosrachadh dha an Comantan an-diugh air a' chunnradh, Cunnradh Sewell, anns a bheil riaghladh air co-obrachadh a thaobh reachdais agus chumhachdan eadar Pàrlamaid na h-Alba agus Pàrlamaid na Rìoghachd Aonaichte.

Grenfell

Tha seirbheisean agus cuirmean a' dol air adhart an-diugh a' comharrachadh bliadhna bho bha teine Tùr Ghrenfell ann an Lunnain. Bidh 72 mionaidean de shàmchair ann, gu nàiseanta, aig meadhan latha mar chuimhe air an 72 duine a chaill am beatha.

Teine

Chaidh comhair a dheanamh air còignear aig teine ann an togalach àrd de flataichean anns na Gorbals ann an Glaschu sa mhadainn an-diugh. Chaidh fios air na seirbeisean èiginn goirid ro naoi uairean gu robh teine san toglach air Sràid Ballater. Thuirt Comhairle Baile Ghlaschu nach tug an t-seirbheis smalaidh fad sam bith a' cur smachd air an teine.

Ceannairc

Chaidh an àireamh 's motha dhaoine a-riamh a chur an grèim 'son ceannairc ann am Breatainn air a' bhliadha suas dhan Ghiblein a rèir Oifis na Dùthcha. Chaidh 442 duine a chuir an grèim fo amharas gu robh gnothach aca ri ceannairc. 'S e àrdachadh de 17% tha sin air bliadhna anns an robh ceithir ionnsaighean ceannairc ann eadar Lunnainn agus Manchester.

In-imiriche

Bheir Oifis na Dùthcha atharrachadh air riaghailtean in-imreachd gus am bidh e nas fhasa do luchd-obrach sgileil bho thaobh a-muigh an Aonaidh Eòrpaich tighinn a Bhreatainn. Tha dragh ann gu bheil na riaghailtean a th'ann an-dràsta dha fhàgail doirbh dhan NHS dotairean 's nursaichean gu leòr fhastadh.

Rolls Royce

Tha Rolls-Royce a' gearradh corr 's 4,000 cosnadh mar dhòigh air £400m a shàbhaladh a h-uile bliadhna. Tha mòran de na h-obraichean a dh'fhalbhas a-measg an luchd-stiùiridh agus obair einseinearadh air a' phrìomh làrach aca ann an Derby.

Turas Nèill Iain

Tha an craoladair, Niall Iain Dòmhnallach, corr 's cairteal den t-slighe ag iomradh thar a' Chuain Shiar eadar Aimeireagaidh agus Leòdhas. An deidh trì seachdainnean aig muir tha e air corr 's 800 mìle a chur air a chulaibh. 'S nuair a bhruidhinn e ri RNG sa mhadainn an-diugh bha e a' gabhail fasgadh bho stoirm. Tha duil aige gu ruig e a cheann-uidhe ann an Steòrnabhagh aig deireadh an Lùnasdail neo toiseach na Sultaine.