Poilis a' sgrùdadh bàs duine sa Ghearasdan

  • Air fhoillseachadh
An GearasdanTùs an deilbh, Google
Fo-thiotal an deilbh,
Chaidh corp an fhireannaich fhaighinn sa Ghearasdan tràth madainn Diardaoin.

Tha Poilis Alba a' rannsachadh bàs fireannaich, aois 26, sa Ghearasdan.

Fhuairear lorg air a chorp aige ann an sgìre Cùirt Ì sa bhaile mu 05:20 madainn Diardaoin.

Chan eil fios le cinnt dè a thug bàs dhan duine.

Thuirt an Det Insp Eddi Ross: "Tha sinn ag obair gus faighinn a-mach dè a dh'adhbhraich bàs an fhireannaich."